“’S e cùrsa domhainn, dùbhlanach is beòthail a th’ ann an Gàidhlig is Conaltradh, agus thug e orm oidhirp mhòr a dhèanamh gus mo chuid Ghàidhlig a neartachadh, agus thug e dhomh cuideachd dealbh nas soilleir de shuidheachadh na Gàidhlig an-diugh, is den choimhearsnachd a tha na lùib. Chleachd mi an cànan a h-uile latha – rinn mi deasbadan sa chlas, dh’ionnsaich mi barrachd mu chultar a’ chànain is thòisich mi air nobhailean sa chànan – mholainn bliadhna an seo gu mòr.” -Friseal MacRaibeirt
Bha Friseal MacRaibeirt na oileanach air a’ chùrsa ann an 2017-18, agus fhad ’s a bha e air a’ chùrsa, fhuair e taic bho Urras Brosnachaidh na Gàidhlig. Leughaibh barrachd mun sgeul aige agus an taic a fhuair e an seo:
