An Clàr Ionnsachaidh

Na h-Òraidichean

Dr Tim Armstrong

Tha Tim na stiùiriche air a’ chùrsa, agus bidh e a’ teagasg anns na modailean Gàidhlig anns a’ chùrsa. ’S e ùghdair, ceòladair agus rannsaiche a th’ ann. ’S ann à Seattle a tha e o thùs. Choisinn an nobhail aige, Air Cuan Dubh Drilseach, an duais, Ceud Nobhail Albannach as Fheàrr.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun obair sgoilearail aige an seo: https://orcid.org/0000-0003-1321-1918

Kirsty NicDhùghaill

Bidh Kirsty a’ teagasg anns na modailean Gàidhlig anns a’ chùrsa. Tha i an-dràsta ag obair air PhD. Rinn i ceum ann an Gàidhlig agus Poileataigs aig Oilthigh Obar Dheathain, agus an uair sin, maighstireachd rannsachaidh (MScR) ann an Ceilitis bho Oilthigh Dhùn Èideann.

Peigi Nic a’ Phiocair

Bidh Peigi a’ teagasg air na modailean Gàidhlig agus ‘Sgeulachdan is Òrain’. ’S ann às an Eilean Sgitheanach a tha i, agus chuir i greis seachad ann an Glaschu aig an oilthigh. Tha ceum MA aice ann an Gàidhlig & Litreachas na Beurla agus MLitt ann an Litreachas na Beurla bho Oilthigh Ghlaschu.

Christine Primrose

Bidh Christine a’ teagasg anns na modailean Gàidhlig agus ciùil anns a’ chùrsa. Rugadh agus thogadh i ann an Càrlabhagh, ann an Eilean Leòdhais, agus tha i air a bhith a’ seinn bho ’s cuimhne leatha. Thog i iomadach duais airson a cuid seinn thairis air na bliadhnaichean, nam measg Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig na ‘Trad Awards’.

Gwen NicGuaire

Bidh Gwen a’ stiùireadh agus a’ teagasg air modalan foghlam BA Gàidhlig agus Foghlam agus MEd. Thill i don t-Sabhail as dèidh iomadh bliadhna mar neach-teagaisg agus ceannard na bun-sgoile gus obrachadh ann am Foghlam Thidsearan. Tha Gwen air goireasan sgoile mar Lasadh agus air pod-chraolaidh Oideas a chruthachadh thar na bliadhnaichean. Tha i cuideachd na co-stiùiriche airson na Gàidhlig aig Ionad Sàr Mhathais ann an Teagasg.

Dr Decker Forrest

Bidh Decker a’ stiùireadh nam modailean ciùil anns a’ chùrsa.’S e pìobaire cliùiteach a th’ ann à San Diego, California bho thùs. Tha an rannsachadh aige gu sònraichte a’ buntainn air eitneòlas agus ceòl na pìoba. Chaidh a thaghadh le luchd-obrach gu Bòrd an t-Sabhail ann an 2022.

Iain Greumach

Bidh Iain a’ teagasg a’ mhodail Greis-Ghnìomhachais anns a’ chùrsa. ’S ann à Sgìre a’ Bhac ann an Leòdhas a tha e, ach tha e air a bhith a’ fuireach san Eilean Sgitheanach còir is 30 bliadhna a-nis. Choisinn e MBA bho Oilthigh Heriot-Watt, agus bidh e cuideachd ag obair mar chlàraiche aig a’ Cholaiste.

Na Nobhailean

Bidh na h-oileanaich a’ leughadh is a’ breithneachadh air seachd nobhailean Gàidhlig tron bhliadhna.

Na Klondykers

le Iain F. MacLeòid

Ficsean eachdraidheil stèidhichte ann an Ulapul aig àm a’ Chogaidh Fhuair.

Dacha Mo Ghaoil

le Tormod MacGill-Eain

Nobhail àbhachdais mu shlaightireachd ann an Uibhist.

An t-Aonaran

le Iain Mac a’ Ghobhainn

Cosalachd bhitheileasach stèidhichte ann an coimhearsnachd bhig ann an Leòdhas.

Dìleas Donn

le Norma NicLeòid

Dràma teaghlaich co-aimsireil stèidhichte ann an Leòdhas, Obar Dheathain agus Dùn Èideann

An Aisling

le Alison Lang

Gàidheil òga ann an Dùn Èideann agus a’ bheatha aca an dèidh oilthigh.

Keino

le Tormod MacGill-Eain

Noir Albannach stèidhiche ann an Loch Abair anns na 60an.

Am Fear Meadhanach

le Alasdair Caimbeul

Duine tinn a’ tilleadh a Leòdhas aig deireadh a bheatha.

Na h-Iomairtean Gàidhlig

Cuiridh gach oileanach dà iomairt air dòigh, tè anns an fhoghar agus tèile anns an earrach, gus Gàidhlig a bhrosnachadh air àrainn na Colaiste, agus an uair sin, nì iad òraidean goirid mu na h-iomairtean aca mar mheasadh. Seo cuid dhe na tachartasan a rinneadh anns na h-iomairtean seo rè nam bliadhnaichean:

farpais nan ceist
Karaoke Gàidhlig
farpais camanachd
cearcall còmhraidh
oidhche gheamachan-bùird
turas coiseachd
clas còcaireachd
clas eacarsaich

iomairt D&D
buidheann fhighe
seòmar-teichidh
pàrtaidh dìomhaireachd-mhuirt
clas bhèicearachd
buidheann iomairt
suap aodaich

Sgrìobhadh Cruthachail

Tha sgrìobhadh cruthachail na h-eileamaid chudromach dhen chùrsa, le pìosan sgrìobhaidh rin dèanamh gach sheachdain agus mòran obair anns a’ chlas air sgrìobhadh sgeulachdan is òran.

Labhairt Phoblach

Nì na h-oileanaich mòran obair air na sgilean aca ann an labhairt phoblach, agus anns an dàrna seimeastair, lìbhrigidh iad fhèin cuid dhe na leasanan don chlas.

A’ Ghàidhlig Fhèin

Thèid sinn thairis air a’ Ghàidhlig air fad, bho fhuaimneachadh gu gràmair, gu briathrachas is gnàthsan-cainnte.