Gu bheil a’ Phàrlamaid a’ cur meal-a-naidheachd air Raonaid Kellow a tha air Duais Tosgaire Òg na Gàidhlig a bhuannachadh aig Duaisean na Gàidhlig 2023; gu bheil i a’ tuigsinn gu bheil Raonaid a’ teagasg Gàidhlig aig Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus gum b’ ann le a taic a choisinn an sgoil Duais Foghlam Gàidhlig ann an 2022, agus gu bheil i a’ guidhe soirbheachas leantainneach do Raonaid san àm ri teachd. – BPA Jenni Minto
Bha Raonaid Kellow na h-oileanach air Gàidhlig is Conaltradh ann an 2016-17. Tha i a-nis na tidsear, agus mar thoradh air an sàr obair chruthachail, ionmholta a tha i a’ dèanamh na dreuchd, choisinn i an duais, Tosgaire Òg na Gàidhlig am bliadhna. An-dè, chaidh a h-obair aithneachadh anns a’ Phàrlamaid, le gluasad bho BPA Jenni Minto. Leughar an seo e:
