’S e seinneadair Gàidhlig iomraiteach a th’ ann an Saffron Hanvidge (G&C18-19) a chaidh ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta dheireannach aig an duais Ceòladair Traidiseanta Òg na Bliadhna ann an 2022, agus dìreach o chionn ghoirid, chaidh a h-ainmeachadh mar thè dhe na busgairean às fheàrr ann an Alba leis an Albannach. Cumaibh sùil a-mach dhi an ath thuras a tha sibh ann an Inbhir Nis!
