A’ Cuimhneachadh

le Hannah Krebs

Chaidh an t-achadh seachad fo chasan nan each gu luath. Bha a’ ghaoth bhlàth, mheadhan-samhraidh a’ sèideadh mum chuairt, fàileadh caran milis san adhar – measgachadh de dh’fheur, chrodh is dhìthean fiadhaich. Dh’èirich ceann na làire bige, glaise na b’ àirde, is shìn i a casan cho fada ’s a ghabhadh, ’s i a’ feuchainn ri faighinn air thoiseach air a’ ghearran donn-ruadh air an robh mo bhràthair. Theannaich mi mo chasan mun cuairt oirre, is chaidh sinn seachad orra le leum ceithir-bonn. Dh’èigh Donnchadh às mo dhèidh, is thionndaidh mi dha ionnsaidh anns an dìollaid, le gàire. Bha fios aig an dithis againn gu robh an làir na bu luaithe, ach bha e fhathast spòrsail a bhith a’ ruith nan each. Thionndaidh sinn, is thug sinn ar slighe air ais dhachaigh na bu shlaodaiche.

Bha mi gu math measail air an làir sin. Saoil, dè thachair dhi? An do reic sinn i?

                                                                        ***

‘A Dhòmhnaill, a Dhòmhnaill!’ thuirt an guth. ‘’S e àm bracaist a th’ ann. A bheil sibh a’ dol a dh’èirigh?’

Cha do dh’aithnich mi an tè bhàn a bha siud, ach bha an t-acras orm, is sheas mi. Chaidh mi a dh’ionnsaidh a’ phris, ach cha robh na lèintean agam ann. Càit an do chuir mi iad?

‘Seo an t-aodach agaibh,’ thuirt an tè a bha sin. ‘Thug mi a-mach às a’ chlòsaid e.’

‘O, tapadh leat,’ thuirt mi. Dè bha an tè a’ dèanamh anns an taigh againn co-dhiù? Càit an robh Màiri, mo bhean?

‘A bheil sibh feumach air cuideachadh?’ dh’fhaighneachd i.

‘Bidh mi ceart gu leòr,’ thuirt mi. ‘Ach, a bheil thu air Màiri fhaicinn? An deach i sìos mar-thà?’

‘Chan eil Màiri an seo an-dràsta, a Dhòmhnaill. Nì i ceilidh ort feasgar an-diugh. Ma bhios sibh ceart gu leòr an-dràsta, chì mi anns an t-seòmar-bhìdh sibh a dh’aithghearr.’ Dh’fhalbh i.

Cha robh sin a’ dèanamh ciall idir. Carson nach robh Màiri ann? Chuir mi sùil timcheall an t-seòmair a-rithist. Bha an àirneis diofar bhon a bha cuimhne agam, is bha an cùirtear gorm, dorcha. Cha robh Màiri dèidheil air an dath sin idir.  

                                                                        ***

Tha cuimhne agam air an latha a phòs sinn: an 12na latha dhen Lùnastal, 1952. Bha an t-eilean air fad air a bhith ag obair cruaidh fad sheachdainean, leis an obair bhaile mheadhan-shamhraidh – bha sinn fhèin air mìltean de bhèileachan feòir a chur suas dhan lobht. Co-dhiù, bha gach neach air a bhith ag obair gun stad, is deiseil airson tàmh a ghabhail.

Bha mi san eaglais, a’ feitheamh oirre, mo bhràithrean ri mo thaobh. Bha Raghnall pòsta mar-thà, is bha esan a’ tarraing asam rud beag fhad ’s a bha sinn nar seasamh an sin aig an altair, mise cho ireapaiseach ’s a ghabhadh.

‘Aye, a Dhòmhnaill, na gabh dragh – ’s e deagh phaidhir a th’ annaibh. Tha sinne uile bòstail asad.’

An uair sin, thòisich an t-organ ri seinn bhon lobht, is bha mi reòite. Chuala mi a h-uile duine san eaglais a’ seasamh, is b’ e sìorraidheachd a bh’ ann mus do ràinig i mo thaobh. Chan fhaca mi tè cho breagha rithe a-riamh. Ann am priob na sùla, bha sinne a’ coiseachd làmh air làimh a-mach às an eaglais, ar teaghlaich is caraidean gar leantainn sìos dhan talla. 

O! An ceòl! Is am biadh! Rinn a peathraichean is co-oghaichean obair mhath air. Bha sinn a’ dannsa còmhla, a ceann air mo ghualann, ri waltz breagha a bha am fìdhlear a’ seinn. Nuair a stad am port, thog i a ceann, is thog mise a làmh, is choisich sinn a-mach às an talla gu sàmhach, gun fhios gu robh duine air ar faicinn gus an cuala sinn co-luathghairean is basardaich nuair a bha sinn taobh a-muigh an talla. Smèid sinn ri ar càirdean, is dh’fhalbh sinn fo na speuran teas-mheadhan na h-oidhche.

***

Bha mise is Màiri nar suidhe ri taobh na h-uinneig. B’ e latha breagha a bh’ ann, is thuirt mi rithe gu robh an loch gu math ciùin.

‘Chan e an loch a th’ ann, m’ eudail. Chan eil thusa a’ fuireach anns an eilean a-nis. Tha sinne anns a’ bhaile mhòr. Sin an abhainn St. Lawrence.’ 

‘Carson a dh’fhàg sinn?’ arsa mise.

‘Thuit thu gu math tinn, is cha b’ urrainn dhomh coimhead as do dhèidh leam fhìn,’ fhreagair i. Sàmhchair.  ‘Feumaidh mi falbh an-dràsta. Tha coinneamh agam a dh’aithghearr. Ach chì mi a-màireach thu. Beannachd leibh, a’ gràidh.’

Is dh’fhalbh i.

***

Bha ceathrar nar teaghlach: mi fhìn, Màiri, is ar clann, Eòs is Màiri Anna. Bhithinn-sa a’ dol dhan t-sabhal sa mhadainn, a’ bleoghainn na bà, is às dèidh greis, rachadh casan beaga le bòtainn orra a-steach. Chithinn iad a’ tighinn eadar casan na bà, ach cha leiginn orm gum faca mi iad, is chuir iad ‘eagal’ orm iomadh uair. B’ e Màiri Anna a bha math gu bleoghainn nuair a dh’fhàs i na bu shine, is b’ i a bha na cuideachadh mòr dhomh fad bhliadhnaichean. Bha i na bu chomhfhurtail anns an t-sabhal na bha i sa chidsin le a màthair. Cha robh Eòs cho math leis na beothaichean, ach bha e làidir gu leòr, is bu toil leis an tractar a dhraibheadh.  

***

Thàinig tè òg dham ionnsaidh. ‘Ah, sin sibh, a Dhòmhnaill! ’S mi a’ bhan-altram.’

‘O,’ thuirt mise. ‘Ciamar a tha thu?’

‘Tha mi gu dòigheil, tapadh leibh. Sibh fhèin?’ Thug i glainne uisge dhomh, agus chuir i cupa beag air a’ bhòrd. ‘Seo na pilichean agaibh.’

Dh’fhuirich i gus an do ghabh mi na pilichean air fad.

‘Glè mhath,’ thuirt a’ bhan-altram. ‘Chuala mi gum bi mairtfheoil ròsta ann airson suipear a-nochd. Feumaidh ’s gu bheil sibh toilichte sin a chluinntinn!’

‘O, tha gu dearbh!’ thuirt mi. ‘’S e sin am biadh as fhèarr leam, tapadh leat.’

Thionndaidh i ri falbh.

‘Fuirich mionaid!’ dh’ eigh mi as a dèidh. ‘A bheil Màiri mun cuairt?’

‘Chan eil an-dràsta,’ thuirt i. ‘Bha ise ann madainn an-diugh. Tillidh i a-màireach.’

Thionndaidh i a rithist. ‘Chì mi aig suipear sibh, a Dhòmhnaill.’

Carson nach robh Màiri a’ dol a bhith ann? Bha mi ga h-ionndrainn.

***

Bha pickup truck Ford agam fad bhliadhnaichean. Aon latha, bha Màiri Anna mun cuairt. Cha robh i a’ fuireach aig an taigh. Bha i air gluasad gu taobh eile Toronto. Bha sinne a’ dol a dhol gu baile beag an eilein airson dinnear. Thog mi na h-iuchraichean bhon chromaig air a’ bhalla.

‘A bheil thu deiseal?’ thuirt mi rithe.

‘Carson nach tèid sinn anns a’ chàr agamsa?’ thuirt Màiri Anna ‘Tha mi dìreach air a ghlanadh.’

‘O, tapadh leat a ghràidh, ach tha e ceart gu leòr. Draibhidh mise,’ fhreagar mi.

Bha ise sàmhach airson mionaid.

‘Tha mi duilich, Dad, ach thuirt an dotair nach eil e ceadaichte dhut a bhith a’ draibheadh tuilleadh. Nach tèid sinn sa chàr agamsa an-diugh?’

Cha robh fios agam dè chanainn. Lean mise i, is thòisich sinn air ar slighe dhan bhaile.

‘Cha bhi e cho dona, Dad. ’S urrainn do Mhom draibheadh fhathast, is tha Eòs dìreach sìos an rathad bhuaibh, ma tha sibh feumach air.’

‘Duilich, dè thuirt thu? Dè nach bi cho dona?’

***

Bha mi nam shuidhe ri taobh na h-uinneig, a’ coimhead air an uisge, nuair a shuidh boireannach  ri mo thaobh. Bha coltas mar Màiri oirre. Dh’fheumadh gum b’ e piuthar Màiri a bh’ innte, Eilidh.

‘Eilidh, tha e cho math d’ fhaicinn! Ciamar a tha Iain?’ Bha mi a’ faicinn nach robh rudeigin ceart, gun robh deòir a’ tighinn dha sùilean. 

‘Chan e Eilidh a th’ annam, Dad. ’S mi, Màiri Anna. Do nighean.’

Sin as coireach gun robh i cho coltach ri Màiri.

‘A Mhàiri Anna! A ghràidh! Tha mi cho toilichte gu bheil thu ann.’

‘Mise cuideachd, Dad.’

Bha dealbhan aice. Cuid dhiubh, b’ aithne dhomh cò bh’ annta. Mi fhìn, Màiri, ar pàrantan – air latha na bainnse, aig àm na Nollaige, ri taobh an taighe far an deach mo thogail. Am bata-aiseag. An càr snasail a cheannaich Raghnall nuair a bha e fichead. Ach cuid dhuibh, cha robh mi cinnteach. Bha Màiri Anna ag ràdh gum b’ e an taigh buidhe an taigh aicese, is am fear sin a duine. Is dithis phàiste òig. M’ oghaichean. Sin mise. Cuine a dh’fhàs mi cho seann?

‘Sin mo mhac, Seonaidh,’ dh’innse i.

‘An e?’ thuirt mise. ‘Feumaidh ’s gu bheil thu ceart. Tha coltas nan Dòmhnallach air.’

‘Càit a bheil do chòta, Dad? Feumaidh sinn falbh a-nis.’

‘Càit a bheil sinn a’ dol?’ dh’ fhaigheachd mi dhi.

‘Cha mi cho duilich, Dad. Chaochail Mom. Màiri. Do bhean.’

Theab mi tuiteam. Cha ghabhadh sin a bhith.

‘Tha sinn a’ dol ga faicinn a-nis, ma tha thu ag iarraidh.’

Chaidh sinn anns a’ chàr aig Màiri Anna: tron bhaile, seachad air an t-seann margaid far am b’ àbhaist dha mo mhàthair a bhith a’ reic nan gèadh is nan tunnagan.

Ràinig sinn togalach gu math glan, le ceòl socair agus brat-ùrlair air fheadh. Chaidh sinn a-staigh dhan t-seòmar eile. Is bha ise an sin. Mo Mhàiri bhòidheach.

Choisich mi a dh’ionnsaidh na ciste-laighe. Bha ise cho sàmhach. Mo Mhàiri bhochd. Dè thachair dhi?

‘Bha an cansair oirre,’ thuirt Màiri Anna.

Mo Mhàiri bhochd.  Chaidh mi air mo ghlùinean ri a taobh. Shleuchd Màiri ri mo thaobh, is thòisich sinn a’ gabhail ùrnaigh.

Chan eil fios agam cho fada a bha mi an sin. Ach mu dheireadh thall, thuirt Màiri Anna gum feumamaid falbh. Is thog sinn ar casan a dh’ionnsaidh an dorais. Thug mi sùil air ais oirre. Cha mhair mi fada is i a dhìth orm.