A’ Dol Dhachaigh

Le Raonaid Kellow

Bha beatha inntinneach agam. B’ e tàthadair a bh’ annam, agus an lùib na h-obrach sin, dh’fheumainn siubhal far an robh obair ri faighinn. Bidh mi a’ meòrachadh gu tric air an àm nuair a bha mi ag obair ann an Cathair Challdainn. Feumaidh mi aideachadh gum b’ e dòigh bheatha ceart gu leòr a bh’ agam. Gheibhinn airgead glè mhath air a son, agus bha mi ag obair ann an àite bhrèagha. Ach, ged a bha mo cho-obraichean a’ fuireach san aon àite, bhiodh e a’ fàs glè aonaranach aig amannan. As dèidh latha obrach, cha dhèanainn mòran. Bhithinn fhathast a’ meòrachadh air beatha dhaoine eile nuair a bhiodh iad a’ coiseachd seachad orm. An robh teaghlach aca? An robh iad nan aonar coltach rium fhèin? An robh iad toilichte?

Bidh mi a’ dèanamh seo gu h-àraid nuair a bhios mi a’ draibheadh – a’ cruthachadh dealbh de bheatha nan daoine sna càraichean aca is iad a’ draibheadh seachad orm air an rathad mhòr. Tha fhios ’am gu bheil e àraid, ach tha an rèidio cho dòrainneach a-nise, le ceòl pop air an-còmhnaidh, is chan eil càil eile ri dhèanamh air an turas fhada. B’ e an deireadh-sheachdain a bh’ ann, is mi a’ dràibheadh dhachaigh gu banais bràthair mo mhàthar nuair a dh’atharraich mo beatha.

***

Thog mi mo mhàileid, is chuir mi a-steach don chàr i. Bha mi a’ meòrachadh air an turas a bha romham.

Am bi sneachda air an rathad no an cùm trafaig uabhasach an turas air ais?

B’ e duine laghach a bh’ ann am bràthair mo mhàthar, ach bha seo gu bhith na threasamh pòsadh aige ann an dà bhliadhna! Is gu sealladh orm, ciamar as urrainn dhàsan nighean a lorg cho luath sin, is chan urrainn dhòmhsa fiù ’s àireamh-fòn fhaighinn sa phub! Dhùin mi doras na ciste-chàir, agus thòisich mi a’ draibheadh.

B’ e latha grianach foghair a bh’ ann, na duilleagan a’ crìonadh ’s a’ tuiteam far nan craobh. B’ e seo aon de na làithean nuair a dh’èireadh tu agus i cho fuar ris a’ phuinnsean, ach nuair a bhiodh e mu mheadhan-latha, bhiodh tu cho teth ris a’ ghrèin fhèin. Bha mi ann an deagh shunnd is mi a’ coimhead air adhart ris a’ bhanais.

Dannsa is deochan, san uairsin barrachd dannsa is barrachd deochan! Abair oidhche a bhios ann, smaoinich mi.

Bha mi, ’s dòcha, trì cairteal na h-uaireach tron t-slighe agam nuair a stad an ceòl air Rèidio nan Gàidheal, stad an toileachas a bha sgapte air m’ aodann, is stad an aisling anns an robh m’ inntinn. Dhraibh mi suas gu tubaist rathaid far an deach càr a-staigh gu cùl càir bhig ghrinn. Bha lèir-sgrios air tachairt, agus air mo làimh dheis, chunnaic mi seann chailleach agus seann bhodach a’ caoineadh. B’ ann acasan a bha an càr beag dearga. An robh iad air cuideigin a chall? An robh duine air a leòn? Mura robh iad air cuideigin a chall san tubaist, dè eile a bha iad air call nam beatha? Cuideigin eile san teaghlach…peata a bha air fàs ro shean…no caraid a bh’ aca tron chogadh mhòr.

Bha m’ inntinn air toirt orm smaoineachadh gun robh an duine anns a’ chogadh is e ga ghiùlan fhèin gu seasmhach, a dhruim dìreach is a chasan air an cumail teann ri chèile. Bha seacaid fhada, dhubh air is bonaid bheag thartain air mullach a chinn. Bha a’ chailleach na crùban a’ caoineadh air broilleach a’ bhodaich — na deòir a’ drùidheadh a-steach dhan lèine ghil aige.

B’ urrainn dhomh am beatha aca fhaicinn nam inntinn. Bha iad air a bhith pòsta iomadh bliadhna. Ceathrad … no seasgad ’s dòcha. Chanainn sin, oir an uairsin, bhiodh sin a’ ciallachadh gun robh iad àghmhor nam beatha. Bha mi a’ smaoineachadh gun robh iad a’ fuireach air croit air a’ Ghàidhealtachd, croit bheag far am b’ urrainn dhaibh a bhith timcheall sìth, na h-àrainneachd agus cofhurt. Bhiodh ise a’ fuine dha: aran, cèiceachan, sgonaichean, rud sam bith far nach robh feum aca air mòran thàthchuidean. Stuth a bh’ aca anns a’ chogadh. Smaoinich air sin. A bhith a’ fàs aost’ le cuideigin a bha nad leannan iomadh bhliadhna air ais. Bu thoil leamsa a’ bheatha acasan: a’ fuireach air croit bheag, mo leannan a’ fuine dhomh a h-uile latha is mi a’ meòrachadh air mo bheatha sa chogadh. A bhith cho faisg gu bàs sa chogadh. Agus a-nis bhiodh an smuain sin air tighinn thuige is e air tighinn cho faisg air bàs ann an tubaist rathaid. Ach, bha e sàbhailte, aon turas eile…

Bhris siognail an rèidio a-staigh air mo mhac-meanmna. An robh thu riamh a’ meòrachadh air rudeigin fhad ’s a bha thu a’ draibheadh, ’s an uairsin mionaid no dhà às dèidh sin, bhiodh do lèirsinn a’ tighinn air ais dhan rathad is tha thu a’ smaoineachadh ciamar a fhuair mi seachad air na trì chearcallan-rathaid gun mhothachadh? Iongantach nach eil?

***

Lethach-slighe tron turas agam dhachaigh, bha mi a’ draibheadh suas gu solas-staid a’ seinn aig àrd mo chlaiginn ri Runrig. ’S e sin a bhios a h-uile duine a’ dhèanamh nuair a bhios iad a’ draibheadh leotha fhèin ged-tà, nach e? Is choinnich mi ri càr mòr, dearg an uairsin. Choimhead sinn air a chèile, ’s mi fhathast a’ seinn. Bha an càr seo làn cloinne: còignear daoine-cloinne, is dithis phàrant a’ suidhe air am beulaibh. Bha am fear a b’ òige a’ cadal sa chathair-chàir aige, dithis eile a’ sabaid airson inneal-teicneolais, balach meadhanach òg a’ cur cheistean air an dithis phàrant fad na slighe a bha fhathast ri dhol, agus an nighean a bu sine air a fòn-làimhe ’s i ag èisteachd ri ceòl. An dàrna mionaid, bha fiamh-gàire oirre – nuair a bhiodh am fòn aice a’ deàrrsadh – agus snodha-gàire ri a teaghlach a’ mhionaid eile.

Bha an ùpraid sa chàr a’ coimhead sgìtheil. Bha mi ag iarraidh clann aon latha, ach cha b’ urrainn dhomh smachd a chumail air an uiread de chloinn sin. Smaoinich mi gun robh iad a’ dol air saor-làithean. B’ e saor-làithean an Dàmhair a bh’ ann. Bhiodh na pàrantan fo uallach gus dèanamh cinnteach gun robh a h-uile càil aca nam bagaichean, agus gum biodh iad aig a’ phort-adhair ann an ùine. A’ siubhail bho Inbhir Nis ’s dòcha? Bhiodh an athair ag obair aig companaidh mhòr, ag obair ann an oifis is a’ cur choinneamhan air dòigh airson malairt eadar-nàiseanta a chur air chois. Bha e coltach gun robh am màthair na tidsear. Bha uimhir de phàipearan nan laighe na h-uchd is i a’ dol tromhpa le peann dhearg. Smaoinich mi rium fhìn gum biodh e snog a bhith còmhla ri cuideigin is a bhith toilichte nam bheatha, dìreach air mo bheatha a thòiseachadh is mi a’ coimhead às dèidh mo chloinne bige, a’ dèanamh cinnteach gum biodh iad nan cloinn shnog, mhoralta agus dhìcheallaich. Beatha eadar-dhealaichte an taca ris an t-seann chupall a chunnaic mi aig an tubaist rathaid. Bhiodh a’ chlann acasan air fàs suas, air am beatha fhèin a thòiseachadh, is an dithis aca a-nis faisg air deireadh am beatha-san.

Thionndaidh na solais-staid uaine, is dh’fhalbh iad mar ospagan gaoithe.

Cha robh e fada gus an robh mi air a’ bhanais a ruigsinn. Dh’fhalbh mi aig èirigh na grèine, is bha e faisg air meadhan-latha a-nis. B’ e an tubaist rathad a chùm air ais mi. Smaoinich mi air càit an robh mo bheatha fhèin a’ dol. Bha teaghlach fhathast agam, ach cha robh sinn dlùth. Ach ’s dòcha gun coinnichinn ri cuideigin brèagha a dh’aithghearr, is gum b’ ise mo leannan-sa…

***

B’ e dà bhliadhna, trì mìosan, aon seachdain is dà latha o latha na bainnse. Is tha cuimhne mhath agam air seo, oir b’ e sin an dearbh àm a choinnich mi ris an nighinn a bu bhòidhich fo ghrèin. Aig a’ bhanais, chaidh mo shuidhe nam aonar aig bòrd-dìnneir am measg choigreach. Ach, gu fortanach, bha an nighean seo na suidhe ri mo thaobh-sa far an do dh’ionnsaich mi gum b’ e tidsear a bh’ innte. Nach bu mhise a bha a’ faireachdainn ciontach. Bha mi air mo bheò-ghlacadh le a sùilean gorma mar criostal; cha do mhothaich mi gun robh sinn air a bhith a’ bruidhinn fad na h-oidhche gun abhsadh, agus a-nis, tha an cothrom ann dhomh bruidhinn rithe gun abhsadh fad mo bheatha. Bliadhna gu leth as dèidh na bainnse, chuir mi fàinne òr, phrìseil air tè dha meòirean.

A-nis chan urrainn dhomh coiseachd gun bhata is mo bhean le druim crùbach is fradharc sgleòthach. Tha mi nam sheasamh le ceann mo mhnatha air mo bhroilleach às dèidh dhuinn a bhith ann an tubaist rathaid, ar càr bheag dhearga na threallaich. Chaidh ar nighean as sine a leòn gu dona san tubaist, agus chan urrainn dhomh ach smaoineachadh air àm sònraichte nam bheatha nuair a bha mi a’ draibheadh dhachaigh bho Cathair Challdainn gu banais ann an Inbhir Nis is chunnaic mi manadh, manadh anns a bheil mi ann an-dràsta. An latha a dhraibh mi seachad air dà chàr agus a’ sealltainn air na bhiodh romham san àm ri teachd.