Air fonn “A’ Bhean Eudach”
Le Tealsaidh Nic a’ Phearsain
Madainn Iuchair, hùg ò
Dh’fhàg sinn Grianaig, hùg ò
Ri latha soilleir, hao ri horo-o
’S iomadh dòchas, hùg ò.
Cha b’ fhad’ a mhair, hùg ò
Sunnd nar cridheachan, hùg ò
Bha blàth na brice, hao ri horo-o
Air na pàistean, hùg ò.
Mo laogh, mo ghràdh, hùg ò
Nach robh bliadhna, hùg ò
An canabhas paisgte, hao ri horo-o
Fo thuinn na mara, hùg ò
Mo chèile donn, hùg ò
A shiùbhladh gleannan, hùg ò
Lag len teasach, hao ri horo-o
Air bòrd bog, cruaidh, hùg ò
An ceathramh seachdain, hùg ò
Dh’fhàs am biadh gann, hùg ò
Pinnt a dh’uisge, hao ri horo-o
Coirce ’s feòil shaillte, hùg ò.
Bha Ùistean MacLeòid, hùg ò
Co-roinneadh chriomagan, hùg ò
De dh’aran mìn, grod, hao ri horo-o
Diathad beannaichte, hùg ò.
An còigeamh seachdain, hùg ò
Dh’èirich aoibhneas, hùg ò
Gràg nam faoileag, hao ri horo-o
Is eabar bhon aigeal, hùg ò.
Ach an ceann greis, hùg ò
Thàinig dorchas, hùg ò
Gaillean nan cuantan, hao ri horo-o
Ga sracadh, ga bualadh, hùg ò.
Chosg sinn cola-deug, hùg ò
A’ gabhail ùrnaigh, hùg ò
Dh’iarradh air a’ chaiptean, hao ri horo-o
A thilleadh a dh’Alba, hùg ò.
Ach aig Iain Speirs, hùg ò
Bha gnàth-eòlas na fairge, hùg ò
Chùm e ri àird i, hao ri horo-o
Is ràna sinn Pictou, hùg ò.
Cha tèid às mo chuimhn’, hùg ò
An t-slighe dhòmhail, hùg ò
Fo sholasan lampa, hao ri horo-o
Sinn fàisgte mar ainmhidhean, hùg ò.
