Ag Aideachadh

Coinneach MacFhraing

B’ e latha cùbhraidh, tlàth a bh’ ann as t-Earrach, agus bha an ciont mar ainmhidh gathach nam bhrù.

Choisich sinn a dh’ionnsaigh na h-eaglaise, suas an staidhre agus seachad air na seann uaighean a sheas mar luchd-fianais tostach air taobh seach taobh den cheum. Bha mi gam ghiùlain fhèin mar a dh’ionnsaich m’ athair dhomh: mo dhruim dìreach agus mo ghuailnean air an tarraing air ais. Ach ged bu ghlèidhte m’ aogas, b’ ann a’ cur nan caran le bruaillean a bha mi air an taobh a-staigh.

Bha an doras romhainn mar beul àrd ùdlaidh, agus tha cuimhne agam air cho fionnar agus a bha an eaglais dar a lean mi mo mhàthair thairis air an stairsnich.

Choimhead mi ri na h-èildearan gun fhiamh den phian anns an robh mi air m’ aghaidh. Sheas an triùir aca mar a bhiodh iad gach seachdain. Stòlda. Aithnichte. Am fear aosta leis na malaidhean dosach geala a bhiodh a’ sìor dheoghal suiteis, am fear a bhiodh daonnan a’ cumail a dhà làimhe air a chùlaibh (b’ esan m’ athair) agus am fear na b’ òige nach biodh a’ caitheamh deise no taidh ach lèine a-mhàin. B’ esan a thabhainn saltair do mo mhàthair, agus a shìn làmh gu mo ghualainn.

Nèill, a mhicein! Ciamar a tha thu an-diugh?

Rinn mi gàire bheag dhiùid, agus fhreagair mi gun robh mi ceart gu leòr. Chagair guth nimheil nam cheann gum b’ fheudar dhomh a’ bhreug ud a chur ri liosta mo pheacaidhean. Cha robh mi ach ochd bliadhna a dh’aois.

Rinn an doras-staigh dìosgail dar a chaidh sinn a-steach, agus dhùin e às ar dèidh le brag a leig mic-talla leumnach mu sgaoil am measg cabairean àrd an t-seann togalaich. Ghabh sinn ar n-àite air an treast: an aon treast anns an do shuidh sinn fad mo bheatha agus, a rèir mo mhàthar co-dhiù, an dearbh treast anns an do shuidh mo sheanair le athair-san dar a chaidh an eaglais a thogail. Còigeamh sreath bhon bheulaibh air an taobh dheas.

Bhiodh an-còmhnaidh mionaid neo dhà eadar ar ruigsinn agus toiseach na seirbheise, agus b’ e sin an-còmhnaidh an earrann a bu doire den ghnothach dhomh. Cha robh sìon ann a chumadh m’ aire bho bhrùidealachd a’ chionta a bha gu slaodach gam chnàmh bhon taobh a-staigh. Ann an taigh Dhè shuidhinn agus mheòrachainn air an olc a bha mi air dèanamh is na bu chiall dha sin. Oir ged a b’ ann an dìomhaireachd a thruaill mi m’ anam naomh, thuig mi gun robh mi gam fhaicinn. Bha mi daonnan gam fhaicinn leis-san.

Nochd m’ athair rim thaobh, a’ comharrachadh gun robh cùisean gus tòiseachadh. Leis gun robh mi air a bhith a’ dùr-choimhead air an làr, m’ aire air an taobh a-staigh, cha robh mi air mothachadh don dithis èildearan eile a’ gabhail an cathraichean mu choinneimh a’ cho-thionail, neo don mhinisteir is e air dìreadh chun na cùbaiste agus air a Bhìoball tomadach a chàradh air a bheulaibh. Bha gach neach teann a’ feitheamh air.

Chaidh an t-sàmhchair a bhriseadh le a ghuth agus a phrosaid mhall, àraid nach cluinnear ach bho chùbaidean air taobh an iar na h-Alba.

Seinneamaid a chum cliù an Tighearna bhon chiad sailm thar an leth-cheud. “Dèan tròcair orm, a Dhia nan gràs, gu h-iochdmhor saorsa mis’.”

Sheas èildear nam malaidhean dosach is e a’ greimeachadh an t-saltair roimhe le aon làmh, òrdag thiugh eadar na duilleagan. Chuir e a-mach a’ chiad loidhne; loidhne a shiubhail gu ciùin thar na h-uile fad tiotan gus an do shìn an co-thional air freagairt: an guthan ag at còmhla agus a’ stad gu h-obann gus an cualas an ath ghairm.

Cha robh mi a’ tuigsinn briathran nan salm aig an aois sin no rian nam fonn, ach bhiodh m’ athair a’ trod rium mura bithinn gan seinn, ’s mar sin, rinn mi mo dhìcheall ris a’ chrònan thiamhaidh a leantainn. Agus is dòcha gun tigeadh faothachadh bhon chiont bhuaithe nan seinninn a chum a ghlòir.

Thàinig an seinn gu crìch, agus sheas am ministeir.

Dèanamaid ùrnaigh.

Sheas an sluagh.

A Dhia ghràsmhoir, is mòr an t-urram a bhith a’ tighinn thugad le ar n-ùrnaighean. Is tu an rìgh thar nèamh is talamh.

Cha b’ urrainn dhomh m’ aire a chumail air a bhriathran. An rìgh uile-chumhachdach, agus mise air peacadh na aghaidh. Mise air smal a dhèanamh orm fhìn. Smal nach fhuilingeadh E.

Tha sinn a’ toirt buidheachas dhut, oir is tusa a bhios cuide rinn nuair a dh’iadhachas an dorchadas. Is tusa a bhios gar treòrachadh làimh ri uisgeachan ciùine.

Bha feagal is ciont mar iom-ghaoth nam bhroinn.

Agus ’s ann le ùmhlachd a thig sinn romhaibh an-diugh, a Thighearna, agus sinn a’ guidhe mathanais bhuaibh. Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè.

Bha mi fhìn air mathanas a ghuidhe bhuaithe, nam laighe gun suain as t-oidhche. A’ sgreuchail Ris nam cheann. Ach cha tàinig freagairt. Cha do dh’aotromaich an eallach. Feumaidh gun robh a chùl rium.

Dùisg anman an fheadhainn a tha an-diugh aineolach mu Chrìosd mar an slànaighear, oir mar as aithne dhuinn, thèid iadsan a tha beò a rèir na feòla an tilgeil anns an abhainn air dearg-lasadh; an sin bidh gul agus gìosgan fhiacail.

Thàinig brunndail aontachaidh air ais bho chuid den cho-thionail dar a thuirt e sin, m’ athair nam measg. M’ athair gam dhìteadh leis na peacaich eile. Bha e cus dhomh. Bha mi a’ dol a bhruidhinn ri mo mhàthair, a dh’aindeoin na nàire. B’ fheudar dhomh comhairle fhaighinn. Bu dhùraig dhomh gun teireadh i nach b’ e an Ifrinn a bha romham.

A-rithist, a Thighearna, math dhuinn ar peacaidhean. Gum biomaid geal mar an t-sneachd, mar an olainn, a Thighearna. Amen.

Amen.

Shuidh na h-uile. Ghabh sinn sailm. Leugh agus shearmonaich agus ghuidh am ministeir, agus fad na h-ùine, bha mi a’ bàsachadh leis a’ chiont agus leis an fheagal gun cuireadh mo mhàthair a cùl rium mar a chur Esan. Bu mhise a bhiodh airidh air. Mus robh an uair a thìde seachad, cha chreid mi nach robh mi air mo shliasaidean a tholladh; gam fàsgadh gu cruaidh le m’ ìnean leis cho teann agus gun robh mi.

Dar a chrìochnaich an t-seirbheis, cha robh mi ag iarraidh duine bhon t-sluagh fhaicinn taobh a-muigh na h-eaglaise, agus liùg mi seachad air na caillich laghach agus air a’ chloinn eile a bha a’ gàireachdainn ’s a’ cluich eadar na leacan-uaigh, agus rinn mi air a’ chàr. Cha mhòr gun robh an doras air a dhùnadh dar a shìn mi air còineadh, agus b’ ann mar sin a lorg mo mhàthair mi às dèidh treiseige cràidhte.

Nèill, a luaidh! Dè idir tha a’ cur ort?

Cha d’fhuair i freagairt ach smùcail is tuilleadh còinidh.

Dè th’ ann a laochain? Carson a tha thu nad choire theth?

Chuir i greim air mo ghruaidh, agus thionndaidh i mi thuice. Le làimh chaoimh shiab i air falbh na deòir. Choimhead mi rithe lem shùilean cruinn leanabach ’s mo pheirceall air chrith.

A mhamaidh, tha- tha rudeigin agam ri innse dhuit.

Cha b’ urrainn dhomh stad a-nis.

Seadh?

Bho- bho chionn treis, aig an sgoil – bho chionn mìos no dhà…

Shòr mi.

Nèill! Dè th’ ann? A’ bheil a’ chlann eile gad bhurraidheachd?

Bha dragh a-nis air a h-aghaidh. Thàinig ìomhaigh na h-aibhne air dearg-lasadh thugam, a lasairean gam phutadh air adhart.

Chan eil- chan eil e mar sin… Mamaidh, a bheil fios agad an LEGO a tha againn anns a’ chlas aig an sgoil? Thug mi- thug mi dhachaigh cuid de na pìosan. Ghoid mi iad, ach tha mi duilich, tha mi uabhasach duilich, a mhamaidh!

Bha mo ghuth gus a bhith air a thachdadh mus do ruig mi deireadh m’ aideachaidh. Sgaoil fiamh àraid a bha caran eadar uabhas agus leth-ghàire thar aghaidh mo mhàthar.

O Niall! An e sin as adhbhar gu bheil thu san staid a tha seo? Bidh thu ceart gu leòr. Nach tu a tha onarach ag aideachadh na rinn thu!

Chuir i a gàirdean mu thimcheall orm, gam fhasgadh agus gam chiùineachadh le slìoban socair air m’ fhalt. Cha b’ e boireannach cruaidh a bh’ innte, ach mar a b’ àbhaist, cha bhiodh i idir thoilichte nan cluinneadh i gun robh a mac an sàs ann an dol air adhart mar goid. Feumaidh gur b’ ann a’ gabhail truas rium a bha i.

Bidh thu taght’ a ghaoil. ’S urrainn dhut na pìosan – LEGO, am b’ e? – a thoirt a-steach leat a-màireach agus gan cur, gu sàmhach, air ais dhan bhogsa. Agus chan fheum sinn guth a ràdh ma dheidhinn cho fad ’s gun geall thu nach dèan thu a leithid idir a-rithist. Ceart?

Shùgh mi mo shròn.

Cha leig thu a leas a bhith ann an staid mar sin., Tha sin dìreach gòrach.

Cha robh mi a’ còineadh na bu motha. Bha faclan mo mhàthair air mo shèimheachadh gu ìre ach cheasnaich mi na thuirt i. Ciamar a b’ urrainn dhi a bhith ag ràdh gun robh mo bhreisleach gòrach, ’s mi air peacachadh?  B’ e mo rùn a bhith a’ creidsinn gun robh mi gòrach. An robh mi gòrach?