Le Ruairidh Kelly
Chunna mi e a’ coimhead oirre nuair a thàinig i a-steach air an doras.
“This is Margaret, class. I trust you will all give her a warm welcome,” thuirt an tidsear rinn uile. Bha i bòidheach, Mairead a bha seo. Na bu bhòidhche na mise, shaoil mi aig an àm. Dhealraich a sùilean brèagha, gorma ann an solas maidne an eilein. Thug i sùil mhì-chinnteach mun cuairt an t-seòmair gus an do ghlac i a shùilean-san. Chunnaic mi gàire bheag a’ tighinn air aodainnean na dithis gun fhiosta dhaib’ fhèin.
Thachair e rithe às dèidh na sgoile, agus nach b’ esan a bha diùid mar nach robh e a-riamh roimhe. Chunnaic e aig astar i an toiseach. Chàraich e a ghruag, ghabh e anail, ’s chaidh e a-null thuice. Cha b’ e gàire a cheart cho mòr a bh’ air nuair a thill e air ais dha a charaidean, ach bha gàire ann fhathast.
“Chan eil fiù ’s Gàidhlig aice,” thuirt e riutha, ’s a ghàire làn iongnaidh. Rinn na balaich an aon ghàire le an craosan làn-fhosgailte. Rinn iad às tron gheata, a’ cabadaich fad an t-siubhail ’s gun esan a’ toirt an aire dha sìon ach a-mhàin dha na bha air inntinn.
Bha ise na coigreach san eilean aig an àm, ach chan eil tuilleadh. An uair sin cha robh facal Gàidhlig aice, is bha a cuid Beurla eadar-dhealaichte bho chàch. Abair beannachd a bh’ ann dhi gun robh a h-ainm furasta gu leòr eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig. B’ e Margaret a bh’ aca oirre ann an Lunnainn, ach bha Mairead na b’ fhasa air cluasan Gàidhealach. B’ ann an latha ud às dèidh na sgoile, nuair a bhruidhinn i ri Seumas, a chuala i a h-ainm ùr a’ chiad uair.
Choisich Seumas air an rathad dhachaigh le a charaidean, ’s iad a’ dealachadh bhon bhuidhinn fear às dèidh fir aca air an t-slighe. Bha e a’ smaoineachadh air an fhacal a bh’ aige air Margaret. B’ e Mairead a thuirt e rithe aig toiseach a’ chòmhraidh, ach cha robh fhios aige am bu toil leatha sin. Cha robh Seumas air Beurla a bhruidhinn ri duine sam bith a bha an aon aois ris fhèin a-riamh roimhe. B’ e iongnadh mòr a bh’ ann dha nuair a fhreagradh sa Bheurla e mar sin. Thòisich e air cabadaich rithe mar a dhèanadh e ri tè sam bith eile san eilean, ach bha a h-aodann-se gun fhiamh mar a shaoileadh tu. Fhreagair i e gu modhail, na cànan màthaireil nach robh ach Beurla aice. Chaill Seumas a ghàire.
“Eh, duilich,” ars ise ann an Gàidhlig glè robach. Chaidh gàire Sheumais air ais air aodann sa bhad. Le beagan nàire air, rinn e a leisgeulan gu falbh, agus theich e.
An ath latha aig an sgoil, bha Mairead air caraidean ùra a dhèanamh, agus bha i air a cuairteachadh leotha. Dh’fheumadh gun do smaoinich òigridh an eilein gum b’ e tè inntinneach a bhiodh innte. Cha robh mòran aca cleachdte ri bhith a’ bruidhinn ri coigrich òga co-dhiù. Chuir e iongnadh orm cho luath ’s a thionndaidh a’ bhuidheann chun na Beurla. Bha e math is modhail gun do thionndaidh iad air sàillibh Maireid, ach bha fios aicese gum b’ e rud mì-nàdarrach a bh’ ann dhaibh. Bha i ag iarraidh sin atharrachadh uair no uaireigin.
Fad an latha a-rithist, bhiodh Mairead a’ glacadh sùilean Sheumais agus a’ gàireachdaich. Bha i ag iarraidh bruidhinn ris a-rithist, ach bha an t-eagal oirre gum biodh i fada ro dhiùid. Chuir i roimhpe uaireigin an latha ud gum bruidhneadh i ri Seumas, agus cuideachd, gun iarradh i cuideachadh air. Dh’fhairich e neònach dha-rìreabh dhi gum feumadh i fiù ’s faighneachd. Smaoinich i roimhe gum biodh a h-uile duine san “dùthaich” air fad a’ bruidhinn an aon chànain, cha mhòr anns an aon dòigh, gun a bhith a’ toirt an aire dha blasan eadar-dhealaichte agus gnothaichean beaga mar sin. Cha robh sìon a dh’fhios aice gum biodh cainnt gu tur eadar-dhealaichte aig muinntir an àite. Nan robh i ag iarraidh a bhith na pàirt den choimhearsnachd, bha mòran obrach roimhpe. Sheirm an tidsear an clag gus àm dìnnearach a shònrachadh, agus ghlac an dithis sùilean a chèile aon uair eile. An turas seo, b’ ise a bha a’ lorg na misneachd bruidhinn ris-san. Ghabh i a h-anail, rinn i gàire, is chaidh i a-null.
“Gabh mo leisgeul,” ars ise. B’ e sin na h-uiread de Ghàidhlig a fhuair i bho na h-igheanan ris an robh i càirdeil. Chùm i oirre sa Bheurla an uair sin a’ faighneachd de Sheumas na bha i ag iarraidh bhuaithe. Chuireadh iongnadh air Seumas aon uair eile.
Bha Sasannach ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh? Cha do shaoil e gun do thachair sin roimhe ach le Dwelly fhèin! Tha caochladh clòimhe ann an clò na h-ighne seo dha-rìreabh, smaoinich esan, agus cha b’ e a’ chiad turas a smaoinich idir! Ghabh e ris an iarrtas aice co-dhiù, a dh’aindeoin iongnaidh, is thòisich e air smaoineachadh air a’ chothrom a bheireadh seo dhaibh ùine a chur seachad còmhla. Dh’aontaich an dithis gun coinnicheadh iad ri taobh na tràghad às dèidh na sgoile an ath latha.
Choinnich iad an uair sin dìreach mar a bha iad an dùil, agus bha fiù ’s a’ chiad leasan aca air leth cuideachail do Mhairead. Choisich iad mun cuairt a’ cheàrna, ’s iad ag ainmeachadh gach rud a chunnaic iad: Tràigh, Gainmheach, Cù, Crùbag… Thuirt Mairead gach facal gu cùramach. Dh’ionnsaich i ciamar a chanadh i, “Dè tha sin?” is “Ciamar a chanas tu seo?” Nuair a chaidh a’ ghrian fodha, ’s nuair a thàinig an t-àm dhaibh dol air ais dhachaigh mu dheireadh thall, cha robh iad ag iarraidh dealachadh. B’ e taigh Sheumais a b’ fhaisge orra, agus mar sin, choisich iad an sin an toiseach. Nuair a ràinig iad an doras, bha iad fhathast a’ bruidhinn agus ag ionnsachadh bho chàch a chèile mar an ceudna. B’ e a’ ghealach os an cionn an aon rud a bha a’ soilleireachadh an taighe air am beulaibh, is cha chualas tuilleadh na h-eòin a bh’ air ceilearadh fad an latha. Fo na rionnagan ioma-dhathach, thuirt iad gu socair faclan deireannach na h-oidhche. Nì mi an gnothach, shaoil Mairead dhi fhèin, ’s i a’ dèanamh a slighe dhachaigh gu sunndach, saorsainneil.
Chùm iad orra mar sin fad làithean. Mar bu mhotha a dh’ionnsaich Mairead bho Sheumas, ’s ann a b’ fhaisge air a chèile a dh’fhàs iad. Dh’ionnsaich Seumas mun bheatha a bh’ aig Mairead ann an Lunnainn. Is iomadh sgeulachd a dh’innis i mu na sràidean mòra, do-chreidsinneach agus na daoine de gach cinneadh fon ghrèin. Dh’fhoghlaim Mairead mu dhòighean nan Gàidheal ’s mu ar cànan. Bha i gu sònraichte math is luath gu ionnsachadh. Mar a thionndaidh na làithean gu seachdainnean agus na seachdainnean gu mìosan, cha do sguir ise a shìor-ionnsachadh. An ceann greis, bha i cho comasach na dàrna cànan ’s a ghabhadh a bhith. Bhiodh i a’ cabadaich leis na h-igheanan eadar clasaichean ’s a’ dol chun na bùtha a bhruidhinn ris a’ chaillich an sin. Bha Gàidhlig aice a fhreagradh gach suidheachadh na beatha làitheil, agus b’ e cuideachadh Sheumais a b’ adhbhar do sin.
Bha Seumas fhèin gu math riaraichte le toraidhean an cuid obrach. A bharrachd air sin, bha an dithis an uair sin na bu dlùithe na bha dithis sam bith eile a thàinig romhpa no às an dèidh. B’ e sin pàirt den adhbhar gun tug an droch naidheachd a thàinig buaidh làidir air Mairead. Gu h-annasach, cha robh Seumas fiù ’s cho draghail mu deidhinn ’s a bha ise, ged a b’ ann mu dheidhinn-san a bha an naidheachd. Cha robh dùil aig duine sam bith gun tachradh a leithid. Bha tinneas mairbhteach air Seumas, ’s cha do mhothaich na dotairean gun robh sìon ceàrr air ann an da-rìreabh gus an robh e ro fhadalach dha. Nuair a fhuaireadh a-mach mun tinneas, bha e air faireachdainn bochd fad greis mar-thà, ’s cha robh ach seachdain aige air fhàgail air tìr nam beò. Thàinig a charaidean uile ga fhaicinn san taigh-eiridinn. Cuid a làithean, bha e cho sona agus nach mothaicheadh duine gum b’ ann an uchd a’ bhàis a bha e. Cuid eile, bha a chraiceann gun dath idir, is cha chanadh e aon fhacal. Mar a bhite an dùil, bha e duilich dha-rìreabh do Mhairead tadhal air. Rinn i a dìcheall gun a bhith a’ sealltainn cho muladach ’s a bha i, ach bha sin fada ro dhoirbh dhi.
Chaochail e an ceann beagan làithean, dìreach mar a thuirt na dotairean. Bha an dithis againn aig an adhlacadh, mi fhìn ’s Mairead. Dh’fhairich mi nàire nach robh mi air tadhal air Seumas mus d’ fhuair e bàs. Cha do shaoil mi gun robh sinn eòlach gu leòr air a chèile ge-tà, ged a b’ fheàrr leam a-riamh gum robh. Bhruidhinn mi ri Mairead às dèidh làimh, is i a’ coiseachd agus a’ caoineadh. Cha tug an còrr de mhuinntir a’ bhaile an aire do dhuine sam bith ach buill teaghlach Sheumais. Bu mhise an aon neach a bha a’ furtachd na bana-coigrich, agus chuir ise luach mòr, mòr ann an sin. Bidh sinn fhathast a’ faighinn cofaidh còmhla bho àm gu àm, ach tha an call a cheart cho goirt dhan dithis againn ’s a bha e a-riamh.
