Le Eilidh Russell
“Ceart ma-thà, okay,” arsa mo mhàthair ann an guth teann, is i a’ cur a’ fòn sìos.
Thionndaidh i thugam le aodann làn uamhais, is le crith na guth, is dh’innse i dhomh an dearbh naidheachd ris an robh mi an dùil.
“Tha e marbh.”
Bha sinn air a bhith an dùil ris fad greis a-nis, ach fhathast, dh’fhairich mi am bròn a dh’fhairicheas tu nuair a bhàsaicheas cuideigin, fiù ’s nuair nach eil thu faisg orra. Ach, san t-suidheachadh seo, chan ann air sgàth ’s gun robh e marbh a bha sinn draghail; b’ ann air sgàth a’ bhùraich a dh’fhàg e às a dhèidh.
Bràthair màthair mo mhàthar a bh’ ann. Uill, leth bhràthair, agus mar sin, cha robh sinn cho faisg ri sin ris idir. ’S dòcha gu bheil sin dona, ach b’ e sin mar a bha e. Bha e fhèin is a bhean a’ fuireach suas ann an Leòdhas fad seachd bliadhna deug, agus mar sin, chan fhaiceamaid iad ach turas gach bliadhna, ma bha sinn fortanach. Dheidheamaid suas fad latha, a’ faighinn an aiseig tràth sa mhadainn, is an uairsin a-rithist, anmoch air an oidhch’ a’ dol dhachaigh. Is cha b’ ann tric a rinn sinn sin.
Bu sinne an aon teaghlach a bha aige air fhàgail, is bha sin ceart gu leòr suas gu àm a’ ghlasaidh-shluaigh nuair a chaochail a bhean. Às dèidh sin, ghabh an seargadh-inntinn grèim air, is thòisich an crìonadh na shlàinte is na inntinn. Bha e a-steach is a-mach às an ospadal gach mìos; bhiodh nursaichean a’ tadhal air, is gheibheadh e biadh dèante dha anns a’ phost. B’ e seo cuideachd nuair a thòisich an nàbaidh aige, Aonghas, a’ fònadh thugainn le cunntas ùr gach seachdain air na bha a’ tachairt ann an dha-rìreabh, an àite nan sgeulachdan, a bha fìor dha uncail mo mhàthair, a bhitheamaid a’ cluinntinn thairis air am fòn.
Ach a-nis, leis a bhean marbh o chionn trì bliadhna, is gun chloinn aige, b’ ann le mo mhàthair a chaidh am bùrach seo fhàgail. Dìreach mìorbhaileach.
Taigh grod, làn sgudal. Plana tìodhlacaidh. Chan eil a leithid de rud ann. Tiomnadh. Dè tha sin?
B’ e seo na dh’fhàg e againn.
* * *
“Feumaidh sinn a dhol suas,” arsa mo mhàthair. “Bidh againn ri phàipearan le fiosrachadh a lorg san taigh a dh’innseas dhuinn dè seòrsa tìodhlacadh a bha e ag iarraidh.” Chùm i orra, a’ fàs na bu troimh-chèile mar a bu mhotha a dh’fhàs an liosta. “Bidh stuthan mu eachdraidh ar teaghlaich ann, seann dealbhan, bràistean bhon àm aige san airm, agus cò aig a tha fios dè eile!”
Bha i a-nis a’ coiseachd air feadh an ùrlair le a làmhan na falt, a’ crathadh a cinn, is a h-anail na h-uchd.
“Chan fheum sinn an taigh air fad a chlìoraigeadh,” dh’fhaighnich mi. “An fheum?”
“Chan fheum,” fhreagair i, is ghabh i osna. “Gu fortanach”.
Fhuair sinn fios gun robh sgioba glanaidh bhon chomhairle gu bhith a’ tighinn gus a h-uile càil a thoirt a-mach às an taigh, a ghlanadh, is fhaighinn deiseil do chuideigin eile a bha gu bhith a’ fuireach ann.
“An urrainn dhuinn rud sam bith a thoirt bhon taigh ma-thà?” dh’fhaighnich mi.
“’S urrainn,” freagair i. “Ma tha e snog no feumail, is ma tha rùm gu leòr sa chàr, ’s urrainn dhut a thoirt còmhla riut”.
“’S docha nach eil seo gu bhith ro dhona,” smaoinich mi. Bha aon rud nam cheann ris an robh mi den bheachd sùil a chumail a-mach, is an àite a bhith a’ faireachdainn ìseal, is smalanach mu dheidhinn, b’ fheudar dhuinn rudeigin math a lorg mun t-suidheachadh anns an robh sinn.
* * *
Seachdain an dèidh sin, bha an dithis againn nar suidhe a’ feitheamh ri stiùireadh bhon fhear leis an t-seacaid bhuidhe ‘hi-vis’ mus an do dhraibh sinn air a’ bhàta. Le ar corragan air an croiseadh, bha sinn a’ miannachadh nach cuireadh e suas air a’ mez-deck sinn. Ach, càit am feumamaid a dhol? Suas far nach robh sinn ag iarraidh a bhith. Barrachd uallaich air mo mhàthair bhochd.
Trì uairean a thìde an dèidh Ullapul fhàgail, ràinig sinn Steòrnabhagh ann an aon phìos. Dìreach.
Bha sinn gu bhith a’ fuireach ann an Air B&B, mu dheich mionaidean a-mach às a’ bhaile fhèin. Bha sinn fortanach nach robh e ro dhuilich ri lorg, nach robh e fhada air falbh agus, am puing as cudromaiche, gun robh e gu math snog, oir bha sinn feumach air deagh chadal ro latha trang a-màireach a’ glanadh a-mach an taigh.
Cha robh sinn buileach cinnteach dè seòrsa staid anns am biodh an taigh. Bha fios againn, bhon àm nuair a bhitheamaid a’ tadhal bliadhnaichean air ais, gun robh tòrr stutha aca. Tòrr sgeadachaidhean, tòrr innealan-teicneòlas (a bha briste no sean), tòrr leabharaichean agus dìreach tòrr den a h-uile càil. Ma bha gu ga iarraidh, bha e aca.
Cha robh sinn a’ dèanamh fiughair ri seo idir.
* * *
Aig naoi uairean air madainn Dihaoine, stad sinn taobh a-muigh an taighe. ’S e taigh beag, comhairle a bh’ ann, le feansa ùr, ghleansach, dhubh ga chuairteachadh, is mullach le coltas glan ùr air cuideachd.
“Oh”, arsa mise. “Tha coltas nas fheàrr air seo na bha mi an dùil.”
“Aidh, uill seall air a’ ghàrradh,” arsa mo mhàthair. “Seall, timcheall an oisein”.
Is an sin, nan suidhe sgaoilte air feadh a’ ghàrraidh bhig, am falach am measg an fheòir fhada, fhiadhaich, bha trì sgùtairean-gluasaid, is iad meirgeach, robach. Dh’innis sin dhuinn sa bhad gun robh an taigh gu bhith ann an staid uabhasach.
Leis ar miotagan plastaig, is masgaichean gorma oirnn, agus le ceumannan faiceallach, làn eagail, choisich sinn suas gu doras an taigh. Dh’fhosgail mo mhàthair an doras, is shèid am fàileadh fuaraidh a-mach às an doras, gar bualadh nar n-aodainnean. Dh’fhàs e na bu mhiosa nuair a thug sinn ceum a-steach dhan taigh, a’ toirt dheur gu ar sùilean. Bha na ballachan còmhdaichte ann an lìon an damhain-allaidh; bha sinn an dùil ri sin. Ach, nuair a choisich sinn na b’ fhaide a-steach dhan taigh, mhothaich sinn gun robh meananan beaga, dubha bho luchagan a bha, gu follaiseach, air a bhith anns a h-uile preas san taigh. B’ e bùrach a bh’ ann!
Thug sinn mionaid gus plana a dhèanamh air càit’ an tòisicheamaid, agus ciamar a bha sinn a’ dol a ghluasad an stutha a bha ann am pìlean àrda, cunnartach anns an gach àite san taigh. Cha b’ urrainn dhuinn ach pìosan beaga den làr fhaicinn fhad ’s a bha sinn air ar corra-bhiod, a’ grunnachadh tro àirneis, innealan agus phàipearan. Dh’aontaich sinn gun tòisicheamaid anns an t-seòmar-shuidhe, an uairsin sa chidsin, agus mu dheireadh san t-seòmar-chadal.
Choimhead sinn air gach pìos pàipear, ann an gach bogsa agus gach preas, a’ sireadh rud sam bith co-cheangailte ri tiomnadh, peinnsean no plana-tiodhlacaidh. Bhiodh e air a bhith tòrr na b’ fhasa mura robh iad air gach pìos post, is post-truilleis a chumail, ’s iad fhathast anns na cèisean aca!
Cha do lorg sinn dad cudromach, ach seann dealbh no dhà, oh, agus luaithre a mhnatha ann an dà thuba reòiteige, le ‘Màiri Pt.1’ agus ‘Màiri Pt.2’ sgrìobhte orra. Bha ise ann am preas còmhla ri còrr is fichead botal uisge-bheatha, làn. Abair preas sònraichte.
Ghluais sinn an uairsin a-steach dhan chidsin, is fhad ’s a bha sinn a’ rùrachadh tron chiad phreas, chuala sinn cuideigin ag èigheachd oirnn. Diogan an dèidh sin, thàinig seann bhodach, a bha, chanainn, mu sheasgad no seachdad bliadhna a dh’aois, a-steach dhan an taigh.
“Halò,” arsa esan. Bha Gàidhlig aige. “Is mise Aonghas. Tha mi a’ fuireach fèir tarsainn an rathaid”.
Bha sinn eòlach air cò bh’ ann. Bha sinn air a bhith ann an conaltradh leis bhon latha nuair a chaidh uncail mo mhàthair a-steach dhan ospadal. Bhiodh e a’ cur fòn thugainn gach cola-deug gus innse dhuinn mu na bha a’ tachairt aig an taigh.
Thug e cuideachadh dhuinn le bhith a’ lorg na bha sinn a’ sireadh, agus thug e fhèin is a bhean fàilte dhuinn a-steach dhan taigh aca airson copan is briosgaid. A bharrachd air an dithis acasan, thàinig nàbaidhean eile a-steach a thoirt cuideachadh dhuinn, is a thoirt rudan còmhla riutha. Bha a h-uile càil gu bhith a’ dol chun an sgudail co-dhiù, agus mar sin, bha sinn taingeil gun robh iad cho deònach rudan a thoirt leotha.
* * *
Chuir sinn crìoch air an taigh air fad, agus mus do dh’fhàg sinn, thug sinn sùil am broinn an sgùtair-gluasaid as motha, is an sin, air an deas-bhòrd, ’s e an dearbh rud a bha mi a’ lorg. Seann rèidio.
Bhris sinn a-steach, is thug mi sin còmhla rium. Abair gun robh mi toilichte.
* * *
An ath latha, bha an dithis againn nar suidhe a’ feitheamh ri stiùireadh bhon fhear leis an t-seacaid bhuidhe ‘hi-vis’ a-rithist, mus an do dhraibh sinn air a’ bhàta dhachaigh. Ach, an àite càr falamh, dh’fhàg sinn le càr làn uisge-bheatha, seann rèidio, is poca làn dealbhan is puist. Oh, agus triùir againn sa chàr, an àite dithis.
