An Clàr Ionnsachaidh

Na h-Òraidichean

Dr Tim Armstrong

Tha Tim na stiùiriche air a’ chùrsa, agus bidh e a’ teagasg anns na modailean Gàidhlig anns a’ chùrsa. ’S e ùghdair, ceòladair agus rannsaiche a th’ ann. ’S ann à Seattle a tha e o thùs. Choisinn an nobhail aige, Air Cuan Dubh Drilseach, an duais, Ceud Nobhail Albannach as Fheàrr.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun obair sgoilearail aige an seo: https://orcid.org/0000-0003-1321-1918

Kirsty NicDhùghaill

Bidh Kirsty a’ teagasg anns na modailean Gàidhlig anns a’ chùrsa. Tha i an-dràsta ag obair air PhD. Rinn i ceum ann an Gàidhlig agus Poileataigs aig Oilthigh Obar Dheathain, agus an uair sin, maighstireachd rannsachaidh (MScR) ann an Ceilitis bho Oilthigh Dhùn Èideann.

An t-Urr. Iain D. Urchardan

Bidh Iain a’ teagasg nam modailean Sgeulachdan is Òrain agus Litreachas: Sgilean Sgrùdaidh. ’S e ùghdair agus craoladair a th’ ann. ’S ann às na Hearadh a tha e o thùs.

Christine Primrose

Bidh Christine a’ teagasg anns na modailean Gàidhlig agus ciùil anns a’ chùrsa. Rugadh agus thogadh i ann an Càrlabhagh, ann an Eilean Leòdhais, agus tha i air a bhith a’ seinn bho ’s cuimhne leatha. Thog i iomadach duais airson a cuid seinn thairis air na bliadhnaichean, nam measg Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig na ‘Trad Awards’.

Dr Decker Forrest

Bidh Decker a’ stiùireadh nam modailean ciùil anns a’ chùrsa.’S e pìobaire cliùiteach a th’ ann à San Diego, California bho thùs. Tha an rannsachadh aige gu sònraichte a’ buntainn air eitneòlas agus ceòl na pìoba. Chaidh a thaghadh le luchd-obrach gu Bòrd an t-Sabhail ann an 2022.

Shona NicCarmaig

Bidh Shona a’ stiùireadh nam modailean teagaisg anns a’ chùrsa. ’S ann à Dùnbheagan san Eilean Sgitheanach a tha i, agus chuir i seachad iomadach bliadhna mar thidsear Gàidhlig agus mar Phrìomh Thidsear Stiùiridh ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh.

Iain Greumach

Bidh Iain a’ teagasg a’ mhodail Greis-Ghnìomhachais anns a’ chùrsa. ’S ann à Sgìre a’ Bhac ann an Leòdhas a tha e, ach tha e air a bhith a’ fuireach san Eilean Sgitheanach còir is 30 bliadhna a-nis. Choisinn e MBA bho Oilthigh Heriot-Watt, agus bidh e cuideachd ag obair mar chlàraiche aig a’ Cholaiste.

Na Nobhailean

Bidh na h-oileanaich a’ leughadh is a’ breithneachadh air seachd nobhailean Gàidhlig tron bhliadhna.

Na Klondykers

le Iain F. MacLeòid

Ficsean eachdraidheil stèidhichte ann an Ulapul aig àm a’ Chogaidh Fhuair.

Dacha Mo Ghaoil

le Tormod MacGill-Eain

Nobhail àbhachdais mu slaightireachd ann an Uibhist.

An t-Aonaran

le Iain Mac a’ Ghobhainn

Cosalachd bhitheileasach stèidhichte ann an coimhearsnachd bhig ann an Leòdhas.

Dìleas Donn

le Norma NicLeòid

Dràma teaghlaich co-aimsireil stèidhichte ann an Leòdhas, Obar Dheathain agus Dùn Èideann

An Aisling

le Alison Lang

Gàidheil òga ann an Dùn Èideann agus a’ bheatha aca an dèidh oilthigh.

Keino

le Tormod MacGill-Eain

Noir Albannach stèidhiche ann an Loch Abair anns na 60an.

Am Fear Meadhanach

le Alasdair Caimbeul

Duine tinn a’ tilleadh a Leòdhas aig deireadh a bheatha.

Na h-Iomairtean Gàidhlig

Cuiridh gach oileanach dà iomart air dòigh, tè anns an fhoghar agus tèile anns an earrach, gus Gàidhlig a bhrosnachadh air àrainn na Colaiste, agus an uair sin, nì iad òraidean goirid mu na h-iomairtean aca mar mheasadh. Seo cuid dhe na tachartasan a rinneadh anns na h-iomairtean seo rè nam bliadhnaichean:

farpais nan ceist
Karaoke Gàidhlig
farpais camanachd
cearcall còmhraidh
oidhche gheamachan-bùird
turas coiseachd
clas còcaireachd
clas eacarsaich

iomairt D&D
buidheann fhighe
seòmar-teichidh
pàrtaidh dìomhaireachd-mhuirt
clas bhèicearachd
buidheann iomairt
suap aodaich

Sgrìobhadh Cruthachail

Tron bhliadhna, sgrìobhaidh na h-oileanaich dà sgeulachd ghoirid no ceithir òrain. Cuideachd, gach seachdain, sgrìobhaidh iad pìosan nas giorra air caochladh chuspairean. Leughar cuid dhen obair chruthachail seo anns an iris litreachail air-loidhne againn: Dùn Sgàthaich.

A’ Ghàidhlig Fhèin

Thèid sinn thairis air a’ Ghàidhlig air fad, bho fhuaimneachadh gu gràmair, gu briathrachas is gnàthsan-cainnte. Seo clàr dhe na prìomh chuspairean againn shìos:

CuspairSructarCo-theagsa
BriathrachasPàirtean-cainnte 
BriathrachasFuainmeachadh 
BriathrachasTuisealan 
BriathrachasTràthan 
BriathrachasAinmearan eas-chruthach bho bhuadhairean 
FuaimneachadhBeum 
FuaimneachadhFaideFuaimreagan fada gun sràc
FuaimneachadhDà-fhogharan 
FuaimneachadhNa stadan (B, P, T, D, G, C) 
FuaimneachadhSuathadh [f, v, s, ʃ, ç, ʝ, x, ɣ, h] 
FuaimneachadhSrònachadh/eclipsisConnragan
FuaimneachadhSrònachadhFuaimreagan
FuaimneachadhCruinnead 
FuaimneachadhL, N, R 
LitreachadhGOC 
LitreachadhA’ chromag àrd 
LitreachadhGnìomhairean vs ainmearan gnìomhaireach 
Gnè Ga h-aithneachadh
Cas-ma-seach Le ainmear mar chuspair
Cas-ma-seach Le riochdair mar chuspair
An t-alt  
TuisealanBunasach Singilte 
TuisealanBunsach Iolra 
TuisealanTabhartach Singilte 
TuisealanTabhartach Iolra 
TuisealanGinideach Singlilte 
TuisealanGinideach Singlilteainmean pearsanta, foirmeil
TuisealanGinideach Singlilteainmean pearsanta, coimhearsnachd
TuisealanGinideach Singlilteainmean àite
TuisealanGinideach Singliltemàthair, bràthair, piuthair, athair, seanmhair, seanair
TuisealanGinideach Iolra 
TuisealanGairmeach Singlilte 
TuisealanGairmeach Iolra 
TuisealanCleachdadh nan tuisealanrèimean-cainnte
RiochdaireanPearsanta 
RiochdaireanSealbhachGun cuideam
RiochdaireanSealbhachLe cuideam
RiochdaireanSealbhachGuth fulaingeach le rach
RiochdaireanSealbhachGuth fulaingeach le air
RiochdaireanSealbhachLe roimhearan fillte
RiochdaireanSealbhachLe cas-ma-seach
RiochdaireanSealbhachLeis na tràthan coileanta
RiochdaireanRoimhearach 
RiochdaireanRoimhearach sealbhach (gam/gad) 
RiochdaireanRoimhearach sealbhach (gam/gad)Tràthan adhartach
RiochdaireanRoimhearach sealbhach (gam/gad)Gnìomhairean gluasaid
RiochdaireanRoimhearach sealbhach (gam/gad)Fulaingeach le gam/gad
RiochdaireanRoimhearach sealbhach (nam/nad) 
RiochdaireanRoimhearach sealbhach (nam/nad)Ionnanachd: Tha X na Y.
RiochdaireanRoimhearach sealbhach (nam/nad)Ionnanachd: ʼS e X a tha nam Y.
RiochdaireanRoimhearach sealbhach (nam/nad)Le roimhearan fillte
RoimhearanRoimhearan sìmplidh gun an t-alt 
RoimhearanRoimhear sìmplidh + an t-alt 
RoimhearanRoimhearan fillte 
Co-ghnìomhaireana- 
Co-ghnìomhaireangu 
BuadhaireanBuadhairean a thig an toiseach 
GnìomaireanAn gnìomhair BI 
GnìomaireanRiaghailteach is Neo-riaghailteach 
GnìomaireanA’ ChopailIonnanachd
GnìomaireanA’ ChopailCuideam, ʼs e
GnìomaireanA’ ChopailCuideam, ʼs ann
GnìomaireanA’ ChopailAbairtean
GnìomaireanA’ ChopailBi vs Is
TràthanCaithte, spreigeach 
TràthanCaithte, fulaingeach 
TràthanCumhach, spreigeach 
TràthanCumhach, fulaingeach 
TràthanLàthaireach, fulaingeach 
TràthanTeachdail, spreigeach 
TrathanTeachdail, fulaingeach 
TràthanCòrdadh nan tràthan 
TràthanFulaingeach, rach 
TràthanFulaingeach, air 
TràthanFulaingeach, gam/gad 
TràthanAdhartach 
TràthanNa tràthan coileanta 
TràthanGnìomhairean gluasaid 
CeangladhMa, nan, nam, mura 
CeangladhMus, mun, an dèidh do 
CeangladhBecause 
CeangladhCeistean 
CeangladhCeisteanCeangal le cinnt vs ceangal le ceist
CeangladhCeist mar cheangal 
CeangladhAbairt dàimheachLeis an riochdair dhàimheach
CeangladhAbairt dàimheachLe roimhear
Gnìomhairean abairteachLeis a’ ghnìomhair dèan 
Gnìomhairean abairteachLeis a’ ghnìomhair rach 
Gnìomhairean abairteachLeis a’ ghnìomhair thig 
Gnìomhairean abairteachLeis a’ ghnìomhair ruig 
Gnìomhairean abairteachLeis a’ ghnìomhair gabh 
Gnìomhairean abairteachLeis a’ ghnìomhair thoir 
Gnìomhairean abairteachLeis a’ ghnìomhair beir 
ComhardadhComhardadh nuadh Gàidhlig 
Àireamhan  
Gnàthasan-cainnteNas traidiseanta an àite airson 
Gnàthasan-cainnteFeumfeumaidh; ’s fheudar do; ’s èiginn do; tha aig ri; thig air; tha feum aig air; tha X feumach air
Gnàthasan-cainnteSructaran faisgcorra – iomadh – iomadach gu – gus – chun
Gnàthasan-cainnteA’ cleachdadh cho 
Homophones is quasi-homophonescor, còir, corra, còrr bean, buin crìon, crìoch, crìochnaich, crìothnaich càraich, caraich leig, leagCiallan, cleachdaidhean agus gnìomhairean abairteach