Fìos mun Chùrsa

“’S e cùrsa domhainn, dùbhlanach is beòthail a th’ ann an Gàidhlig is Conaltradh, agus thug e orm oidhirp mhòr a dhèanamh gus mo chuid Ghàidhlig a neartachadh, agus thug e dhomh cuideachd dealbh nas soilleir de shuidheachadh na Gàidhlig an-diugh, is den choimhearsnachd a tha na lùib. Chleachd mi an cànan a h-uile latha – rinn mi deasbadan sa chlas, dh’ionnsaich mi barrachd mu chultar a’ chànain is thòisich mi air nobhailean sa chànan – mholainn bliadhna an seo gu mòr.” -Friseal MacRaibeirt

Tha an Teisteanas Foghlam Àrd-ìre (CertHE) Gàidhlig is Conaltradh na chùrsa dian, bogaidh fad bliadhna ga amas air oileanaich a tha reusanta fileanta agus a tha ag iarraidh piseach luath a thoirt air an cuid Gàidhlig. Tha an cùrsa seo ri fhaighinn an dà chuid aig UHI An Tuath, an Iar agus Innse Gall agus aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha am mìneachadh shìos a’ beantainn ris a’ chùrsa mar a thèid a lìbhrigeadh gu sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig.

A rèir an comasan Gàidhlig, gabhaidh ar n-oileanaich BA (Urram) uile an dàrna cuid Gàidhlig is Conaltradh no An Cùrsa Comais anns a’ chiad bhliadhna aca aig Sabhal Mòr Ostaig. Cuideachd, faodar CertHE Gàidhlig is Conaltradh a dhèanamh mar chùrsa bogaidh fa leth fad-bliadhna. Air a’ chùrsa seo, gabhaidh oileanaich pàirt anns a’ choimhearsnachd tur-Gàidhlig againn aig Sabhal Mòr Ostaig gus piseach luath a thoirt air an sgilean labhairt, èisteachd, sgrìobhaidh agus leughaidh anns a’ Ghàidhlig. Tha sinn an dùil gun tig oileanaich gu Sabhal Mòr Ostaig deiseil agus deònach a’ Ghàidhlig a chleachdadh fad na h-ùine agus anns a h-uile àite air àrainn na Colaiste.

Tha an cùrsa CertHE Gàidhlig is Conaltradh air a dhealbhadh do dh’oileanaich a tha ìre mhath comasach anns a’ Ghàidhlig agus a tha ag iarraidh nan comasan aca a leasachadh ann an àrainneachd tur-Ghàidhlig. ’S e cùrsa bogaidh, dìon a tha seo a bhios gad dheiseileachadh airson a dhol air adhart dhan dàrna bliadhna dhe na cùrsaichean BA no BA (Urram) aig Sabhal Mòr Ostaig. Sgrùdaidh tu litreachas, leasachadh na Gàidhlig, sgrìobhadh cruthachail (sgeulachdan goirid agus òrain), agus labhairt phoblach. Cuideachd, sgrùdaidh tu a’ Ghàidhlig fhèin ann an doimhneachd, a’ gabhail a-steach fuaimneachadh, gràmar, briathrachas, cleachdadh agus rèimean-cainnte àrda. Aig deireadh a’ chùrsa seo, tuigidh, bruidhnidh, leughaidh, agus sgrìobhaidh tu a’ Ghàidhlig le misneachd agus chun na h-ìre gum b’ urrainn dhut làn phàirt a ghabhail ann an gach roinn de shaoghal na Gàidhlig anns an latha an-diugh.

Dè nì sinn air a’ chùrsa?

  • Ionnsaich a’ Ghàidhlig gu fìor àrd-ìre ann an àrainneachd tur Ghàidhlig;
  • Leugh is bruidhinn mu dheidhinn seachd nobhailean Gàidhlig;
  • Sgrìobh sgeulachdan, òrain agus aistean anns a’ Ghàidhlig;
  • Leugh altan sgoileireil anns a’ Ghàidhlig air iomadh cuspair;
  • Cuir dà thionnsgnadh leasachaidh Ghàidhlig air dòigh air àrainn na Colaiste;
  • Gabh pàirt ann an greis-ghnìomhachais fad trì seachdainean anns a’ Ghàidhlig.

An dèidh Ghàidhlig is Conaltradh, dh’fhaodar dol air adhart dhan chùrsa:

BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam, prògram a leanas gu ceum le urram agus teisteanas teagaisg taobh a-staigh ceithir bliadhna;

BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig, le cothrom speisleachadh ann an leasachadh cànain agus leasachadh coimhearsnachd;

BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta;

DipHE Na Meadhanan Gàidhlig. Ged nach eil e riatanach, thig cuid a dh’oileanaich dhan chùrsa Gàidhlig is Conaltradh an toiseach, gus obair air na comasan Gàidhlig aca, mus tèid iad air adhart dhan chùrsa DipHE Na Meadhanan Gàidhlig;

PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig) agus PGDE Foghlam Àrd-sgoile (Gàidhlig). Cuideachd, ged nach eil e riatanach, thig cuid a dh’oileanaich dhan chùrsa Gàidhlig is Conaltradh an toiseach, gus obair air na comasan Gàidhlig aca, mus tèid iad air adhart dha na cùrsaicean PGDE againn.

Cuiribh iarrtas thugainn:

Airson barrachd fiosrachaidh no gus iarrtas a chur a-steach, leanaibh an ceangal seo.