le Kaitlin Nic a’ Phearsain
Tha ochdnar san teaghlach agam: mo mhàthair, m’ athair, triùir bhràithrean, dithis pheathraichean agus mi fhìn. ’S e John am fear as sinne, is tha e mar athair dhuinn uile, oir tha ar n-athair ag obair far-thìr. Na dhèidh-san tha Katie agus Eilidh againn. Tha dìreach deich mìosan eatarra, is cha bhi iad a’ bhruidhinn rium ged a tha mi dìreach bhliadhna nas òige na iadsan. ’S mathaid gur e sin an t-adhbhar… ach chan eil iad a’ gabhail ùidh sam bith ann an càil ach na fònaichean-làimhe aca, maise-ghnùis agus aodach. Tha iad air am milleadh cus. Is tha sin gam fhàgail leis na bràithrean as òige san teaghlach: Dòmhnall agus Eàirdsidh: ochd bhliadhna a dh’aois agus nan leth-phàistean. Smaoinich, dithis bhalach beaga a’ ruith mun cuairt fad an latha, gun sguir, ag èigheach agus a’ cluich. Bidh iad gam chur craicte gach latha.
’S ann às an Eilean Sgitheanach a tha sinn, ach ghluais sinn a dh’Obar Dheathain o chionn fhada, nuair a bha mi mu shia bliadhna a dh’aois a chionn ’s gun d’ fhuair m’ athair obair air crann-ola. Cha do chuir e dragh ormsa agus air cach, ach cha robh John idir toilichte mu dheidhinn. Bhiodh stùirc air a h-uile latha fad mu chòig bhliadhna. Bha e na bu shinne, aig ceithir bliadhna deug a dh’aois, is mar sin, tha mi a’ tuigsinn an adhbhair a bha e doirbh dha an sgoil fhàgail, sgoil agus càirdean air an robh e eòlach. ’S e duine fèill-mhòr a th’ ann, is tha e càirdeil leis a h-uile duine ach aonan. Chan eil John is m’ athair, Stiùbhart, riamh air a bhith dlùth, no ma bha iad roimhe, chan eil cuimhne agam air. Chan eil gin againn dlùth ri ar n-athair, gu h-onarach, ach mo pheathraichean a chionn ’s gum bi iadsan a’ faighinn tuilleadh airgead bhuaithe. ’S e Anna an t-ainm a th’ air mo mhàthair ’s i na boireannach as laghaich san t-saoghal. Cha bhi i riamh crosta, is bidh i an-còmhnaidh a’ còcaireachd. Tha ise a’ teagasg Gàidhlig aig Àrd-Sgoil Hazelhead, is mar sin, bhiodh i gam theagasg fhìn, Katie agus Eilidh.
Is mise Alistair. Tha mi sia bliadhna deug a dh’aois. Bha mi an-còmhnaidh a’ faireachdainn gun robh mi às àite san teaghlach seo. Cha toil leam a bhith nam phàirt de bhuidhnean mòra, is chan eil tòrr charaidean agam, ach, tha mi coma. Chan eil càil inntinneach as urrainn dhomh innse dhuibh mu mo dheidhinn, ach mun oidhche a fhuair mi a-mach gu bheil mi uchd-mhacaichte.
B’ e sin an latha a thàinig Stiùbhart dhachaigh bho obair. Bha an deoch air, is bha e ainmeineach le Anna, oir bha an dinnear aige fuar. Cha robh John dhachaigh an oidhche sin airson cùisean a chumail socair, is b’ e sin a’ chiad turas a thàinig fearg orm ri ar n-athair leis an dòigh a bha e a’ bruidhinn ri ar màthair.
“Cha bhiodh do dhinnear fuar nam biodh tu dhachaigh ris an uair,” thuirt mi ris.
Thionndaidh e am fearg aige ormsa, is chunnaic mi gun do chuir mi iongnadh air.
“Dè thuirt thu?!”
“Thuirt mi, mura robh thu a’ cosg na h-oidhche air fad sa phub, cha bhiodh do dhinnear fuar!” Chan eil fhios ’am càit às an d’fhuair mi an neart seo, ach cha robh mi a’ leigeil dhìom.
“Cha leig thu leas a bhith a’ bruidhinn rium mar sin!” thuirt e. “’S e an taigh agamsa a tha seo! Thalla dhan rùm agad!”
“Ha! An taigh agadsa? Sin èibhinn, oir cha bhi thu idir ann. Deagh athair a th’ annad. Dìreach nad alcolach le barrachd ùidh san obair agad na nad chloinn.”
Bha mo mhàthair a’ caoineadh a- nis. “Stad Alastair. Tha sin gu leòr.”
B’ urrainn dhomh sùilean m’ athar fhaicinn a’ dol dearg a-nis, a bhodhaig gu lèir air chrith.
“Tha ùidh gu leòr agam nam chloinn, ach, sin an rud a’ bhalaich: cha tusa mo mhac-sa!”
“No, a Stiùbhairt, stad a bhruidhinn sa mhionaid!” thuirt mo mhàthair, le aodann dìreach.
“Cha robh thu riamh nam mhac-sa, neo na mac-se!” bha e a’ tomhadh air Anna ’s i a’ cur a h-aodainn na làmhan a-nis. “’S e mac dìolain a th’ annad, is cha robh do dhearbh-mhàthair gad iarraidh na bu mhotha.”
Dh’fhairich mi mo shùilean a’ lìonadh le deòir, is cha b’ urrainn dhomh stad a chur air an fheirg a bha a’ dòrtadh asam. Gun smaoineachadh, thog mi an truinnsear agam bhon bhòrd, agus thilg mi air e. Ruith mi cho luath ’s a b’ urrainn dhomh, a-mach às an taigh, tron ghàrradh, sìos an t-sràid, timcheall a’ chòrnair, le fios gum feumainn John a lorg. Bhiodh fios aigesan air an fhìrinn.
Bha John fhathast ag obair, ach nuair a chunnaic e m’ aodann, thàinig e a-mach còmhla rium gu cùl an taighe-bhìdh. Bha sinn uair a thìde nar suidhe an sin, le cupa teatha, is mhìnich e ruim a h-uile càil. Bha mo dhearbh-mhàthair a’ fuireach san aon bhaile ruinne anns an Eilean Sgitheanach. B’ e deugaire a bh’ innte dam b’ ainm Seonag. Thuirt John gun robh Anna ga teagasg sa sgoil, is b’ ann mar a nighean fhèin a bha i. Bhiodh i an-còmhnaidh aig an taigh nuair a bha John na b’ òige, oir bha trioblaidean le a teaghlach: cha robh a màthair mun cuairt, is bha a h-athair na alcolach. Nuair a fhuair i a-mach gun robh i trom, gun i ach sia bliadhna deug a dh’aois, bha an saoghal aice air tuiteam às a chèile, is b’ e Anna an tè a bha ga cuideachadh. A-rèir coltais b’ e seo an t-adhbhar a bha Stiùbhart cho fuar leotha; thuirt John gun robh iad riamh cho rèidh agus càirdeil, ach thàinig fuachd air nuair a rinn Anna an taghadh gun cumadh i an leanabh aig Seonag.
“A-nis, Alistair, tha fios agad air an adhbhar a tha mi air a bhith cho feargach leis fad ar beatha. ’S e duine glè olc a th’ ann, is chan urrainn dhomh a chreidsinn,” thuirt John às dèidh ùine fada, sàmhach.
“Tha Anna nad mhàthair-sa, Alistair, gun teagamh. Na èist ris an duine a tha air a chùl a chur ri a theaghlach.”
Fad na h-ùine sin cha do bhruidhinn mi facal. Cha robh faireachdainn air fhàgail annam. Dh’fhàg John airson cupa teatha eile, ach cha robh mi airson fuireach. Choisich mi air falbh, gun chabhaig. Bha an t-uisg’ a’ dòrtadh an uair sin, agus chùm mi mo cheann sìos, m’ aodann falaichte fo chochall mo sheacaid, agus fhuair mi faochadh. Faochadh, oir cha b’ urrainn dha duine sam bith m’ fhaicinn. Bha mi nam aonar, dìreach mar a tha mi air a bhith fad mo bheatha, ach, b’ e faireachdainn eadar-dhealaichte a bh’ ann, mar nach robh mi idir cudromach sa bheatha aig duine sam bith. Nam aonaran gun teaghlach, gun dhachaigh.
B’ e seo a-bhòn-raoir, agus cha deach mi dhachaidh ach airson beagan aodaich agus airgid, agus thòisich mi air an t-slighe dhan Eilean Sgitheanach. Tha mi a-nis nam shuidhe air a’ bhus air rathad air choreigin eadar Inbhir Nis is an t-Eilean Sgitheanach, is tha mi a’ sgrìobhadh a h-uile rud sìos, oir bhithinn a’ dol craicte mura robh. ’S e leth-fheasgar a th’ ann, is tha atharrachadh a’ tighinn air an adhar, a’ tionndadh gu dathan eadar-dhealaichte a h-uile diog: buidhe, orainds, dearg, pinc. Atharrachadh dìreach mar mo bheatha. Mhothaich mi gun robh am bus trang mun cuairt orm: leanabhan a’ sgreadail, boireannach a’ clabaireachd agus deugairean a’ seinn. Ged a tha tuilleadh dhaoine mun cuairt orm, tha mi fhathast nam aonar. Dìreach mar a bha mi le teaghlach mòr, trang. Nam aonar.
