Anna NicNeacail
Latha fada eile. Nach mi a tha toilichte gu bheil Catrìona na cadal a-rithist. Bidh mi a’ faireachdainn faochadh nuair a bhios i na cadal leis gum bi fios agam nach bi i ann an uimhir de chunnart. Tha cuimhne agam fhìn mar a bha e nuair a bha mi beò. Bha cunnart neo dragh ùr anns gach àite far an rachainn agus anns gach rud a dhèanainn, ach cha stadadh mo bheatha airson dèiligeadh leotha idir. Bhiodh agam ri cumail orm ge b’ e dè an staid anns an robh mi, agus tha cuimhne agam uaireannan a bhith a’ smaoineachadh gum b’ fhèarr leam gun a bhith beò ann an saoghal cho brùideil. Chaidh mi trom bheatha ann an dòigh glè mhath ge-tà. Rinn mi mo dhìcheall a bhith a’ dèiligeadh le rudan anns an dòigh cheart agus bhithinn an-còmhnaidh a’ coimhead a-mach airson nan daoine a bha dlùth rim chridhe. Tha mi a’ smaoineachadh gur b’ e sin an t-adhbhar a lorg mi mi fhìn anns an obair seo nuair a chaochail mi.
Chaochail mi dà cheud bliadhna air ais aig aois caogad ann an tubaist iasgaich. Bhithinn gu tric a’ dol a dh’iasgach gus biadh a chur air a’ bhòrd aig mo theaghlach, ach an latha ud, dh’atharraich an t-sìde gu math luath, agus chaidh am bàta fodha. An ceann beagan mhionaidean, thàinig mi an seo. An toiseach bha mi a’ smaoineachadh gum b’ ann ann an Nèamh a bha mi, ach cha robh mi buileach ceart. Nuair a bhios daoine a’ bàsachadh, thèid feadhainn gu Nèamh, thèid feadhainn air adhart gu beatha ùr air an talamh gus am bi iad deiseil airson Nèamh, agus thèid na daoine as suaraiche, olc sìos dhan àite eile air nach bruidhinn sinn an seo. Chan ann tric a bhios sin a’ tachairt ge-tà, agus gheibh na daoine a thèid ann cothroman maitheanas fhaighinn. Ma thèid cùisean gu math, gheibh iad fiù ’s a-mach às an àite gus feuchainn air beatha a-rithist.
Chan eil an dàn sin aig a h-uile duine ge-tà. Bidh na daoine as coibhneile agus as neo-fhèineile a’ dol gu àite sònraichte far am bi iad ag obair gus dèanamh cinnteach gum bi na daoine air an talamh a’ faighinn a h-uile pìos toileachais agus sonais as urrainn dhaibh fhaighinn fhad ’s a tha iad beò. Sin an obair a th’ air a bhith agamsa bhon a thàinig mi an seo. Tha a’ mhòr-chuid de dhaoine feumach oirnn, ach bho àm gu àm, lorgaidh iad cuideigin eile, cuideigin a tha ceangailte riutha ann an dòigh gu math sònraichte. Uaireannan bidh an dithis dhaoine ann an gaol, agus uaireannan eile, bidh iad nan caraidean, ach bidh an dàimh eatarra nas coltaiche ris an dàimh a bhios eadar peathraichean agus bràithrean. ’S e ainglean-coimhideach a th’ aig daoine oirnn.
Tha mise air a bhith a’ coimhead sìos air Catrìona a-nis fad naoi bliadhn’ deug. Tha mi air a bhith a’ faireachdainn a h-uile càil a tha ise air a bhith a’ faireachdainn agus air a dhol còmhla rithe tron h-uile rud math agus dona a tha air tachairt rithe fad a beatha. Tha e air a bhith na thlachd mhòr dhomh a bhith còmhla rithe thar nam bliadhnaichean agus a’ faicinn mar a tha i air fàs agus a’ faicinn a’ bhoireannaich mhìorbhailich a th’ innte a-nis. Feumaidh mi ràdh gu bheil mi gu math moiteil à Catrìona leis cho laghach, ath-thruasach ’s a tha i agus cho cruaidh ’s a dh’obraich i tron sgoil agus tron oilthigh gu ruige seo. Tha i air a bhith gu math fortanach cuideachd. Tha teaghlach taiceil, laghach aice, agus chan eil trioblaidean mòra air a bhith aice a-riamh, a bharrachd air mìos caran cugallach nuair a dh’fhàs a seanmhair tinn. Tha i a’ fuireach ann an taigh meadhanach mòr còmhla ri a màthair, a h-athair agus a bràthair, agus tha iad uile a’ faighinn air adhart gu math agus a’ bruidhinn ri chèile mun a h-uile càil.
Tha cùisean air a bhith a’ fàs neònach fad dà mhìos ge-tà. Tha mi a’ faicinn atharrachadh ann an Catrìona, agus tha e air a bhith a’ cur dragh mòr orm leis nach eil mòran ann as urrainn dhomh dèanamh mu dheidhinn. Bidh an obair agamsa ag atharrachadh an-còmhnaidh gus an taic ceart a’ cumail ri dhaoine. Bidh mi a’ dèanamh rudan coltach ri bhith a’ cur deagh chuimhneachan nan cinn nuair a bhios iad a’ faireachdainn ìosal neo a bhith a’ toirt rabhadh air choireigin dhaibh coltach ri droch fhaireachdainn nuair a bhios cunnartan faisg. Uaireannan bidh mi fiù ’s a’ nochdadh air an talamh mar bheathach gus cofhurtachd air choreigin a thoirt dhaibh. Bidh sinn a’ feuchainn uabhasach fhèin cruaidh rin dèanamh toilichte, ach uaireannan, cha bhi e gu diofar dè a nì sinn: chan obraich càil, agus sin mar a tha e do Chatrìona an-dràsta.
Tha e coltach gu bheil sgòthan dorcha mu thimcheall oirre, agus gu bheil a h-uile càil a’ gluasad ma cuairt, ach tha ise an sàs ann an saoghal aonranach leatha fhèin. Mar as àbhaist nuair a thig i dhachaigh bhon oilthigh, bidh i fhìn agus a màthair a’ suidhe sìos le chèile airson còmhradh agus cupa tì, ach o chionn ghoirid, tha i air a bhith a’ tighinn dhachaigh agus a’ dol dhan t-seòmar-chadail aice sa bhad. Bidh a teaghlach a’ gnogadh air an doras agus a’ dol a-staigh gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil ceart gu leòr, ach chan fhaigh iad càil bhuaipe. Cha bhi i ag ithe neo a’ cadal gu ceart, agus tha i air tòiseachadh a bhith a’ coimhead gu math tana, sgìth agus lag. Chan eil ùidh aice anns na rudan a bha a’ toirt tlachd dhi dìreach beagan mhìosan air ais, agus tha mi a’ faireachdainn na strì a th’ aice. Tha mi a’ faireachdainn a h-uile faireachdainn a th’ aicese coltach ri sgìths, aonranas, iomagain, fèin-fhuath agus mar a tha i a’ call dòchas na beatha. Tha mi fhìn a’ faireachdainn pian agus bròn leis nach eil rud sam bith a nì mi a’ toirt faochadh dhì.
Seo i a’ dùsgadh a-nis. Tha an t-àm ann tòiseachadh a-rithist le bhith a’ feuchainn ri taic a chumail rithe. Tha i air dùsgadh caran fadalach an-diugh, agus chan eil mòran ùine aice gus dèanamh deiseil airson an latha. Tha i a’ ruith mun cuairt an taigh a’ feuchainn ri a h-uile càil fhaighinn ann an òrdugh, ach tha fios agam gum bi i ceart gu leòr. Chan ann tric a bhios i fadalach airson rud sam bith, agus bidh i an-còmhnaidh gu math faiceallach nach bi i fadalach airson chlasaichean anns a’ mhadainn. Tha a h-uile càil aice na baga a-nis, agus tha i a’ dèanamh a slighe a-mach às an doras agus sìos an rathad gu cabhagach.
Dhùisg i ann an sunnd na b’ fhèarr an-diugh, ach leis gu bheil i a’ coiseachd dhan oilthigh a-nis, tha i air cothrom fhaighinn smaoineachadh a-rithist, agus tha na droch fhaireachdainnean a’ tilleadh. ’S urrainn dhomh faicinn gu bheil a ceann a’ lìonadh le dubhachas agus tùirse, agus tha deòir a-nis a’ sruthadh sìos bho a sùilean, agus tha i a’ coimhead sìos air a casan fhad ’s a tha i a’ coiseachd. Tha i cho domhainn na smuaintean fhèin ʼs nach eil i air mothachadh gu bheil an duine a bha a’ coiseachd dìreach air a beulaibh air stad. Feumaidh mi rabhadh a thoirt dhì na ceann air eagal ’s gun buail i ann air an rathad seachad.
Tha i a’ coimhead suas anns a’ bhad, ach aig an aon àm, tha am fear a bha air a beulaibh a’ coimhead air a chùlaibh. ’S e fear meadhanach àrd le falt donn agus aodann socair laghach a th’ ann. Tha gàire air aodann a tha a’ toirt air Catrìona a bhith a’ faireachdainn blàths na cridhe. Tha na sùilean aca air tighinn còmhla, agus tha Catrìona a’ faireachdainn rudeigin gu tur ùr, faireachdainn chumhachdach, làidir a tha a’ ruith tro a bodhaig air fad. Tha dealain-dè na stamag, agus tha a cridhe a’ bualadh nas cruaidhe agus nas cruaidhe. Chan eil an fhaireachdainn seo air a bhith agam ach aon turas roimhe, ach tha fios agam glè math na th’ ann. Tha dàimh shònraichte eadar an dithis seo, dìreach coltach ris an dàimh air an do bhruidhinn mi roimhe. Tha iad sàbhailte còmhla, agus coimheadaidh iad às dèidh a chèile cho math ’s a dh’fhaodadh mise a bhith a’ coimhead as dèidh Catrìona, agus mar sin, chan eil i feumach ormsa a-nis. Tha an t-àm ann dhomh gluasad air adhart dhan ath dhuine. Tha mi a’ faireachdainn sgaradh a’ tighinn eadar an dithis againn, agus dìreach mar sin, chan fhaod mi Catrìona fhaicinn tuilleadh, agus tha na faireachdainnean aice air m’ fhàgail. Tha an dàimh a bha eadar mi fhìn agus Catrìona gu tur air falbh. Bidh mi ga h-ionndrainn, ach tha làn fhios agam gum bi i toilichte, sàbhailte còmhla ris an fhear ùr seo. Tha mi a’ faireachdainn goirteas nam chridhe an dèidh do Chatrìona laghach m’ fhàgail, ach tha cuideigin eile ann a tha fada nas fheumaiche orm a-nis, agus chan ann fada gus am bi mi air gluasad air adhart.
