Sgrìobhte san t-Samhain 2022 le Saoirse Nic an tSaoi, nic Anndra Dubh ’ic Dhòmhnaill is Ealasaid
Sèist:
’S tric a chì mi losgann air an t-slighe sa Chill Bhig
’S tric a chluinnear cailleach-oidhche ’g èigheachd rè na h-oidhch’
’S tric a nochdas ròn no lòn-dubh timcheall air an àit’
Ach b’ iongantach an oidhch’ nach fhac’ mi Iupatar bhon stàit
Chaidh sinn mach nar carbadan a’ dìreadh suas an rathad
Cha mhòr nach d’ ràinig Tarsgabhaig sinn mus do rinn sinn stad
B’ ann le cuid air aithris gum biodh Iupatar glè mhòr
O bu mhò a bha an dòchas leinn gum biodh an oidhche còir
Sèist
Bha mapa ann a’ sealltainn far am biodh ar planaid bheag
Nach eil teicneòlas reul-eòlach san latha an-diugh air leth
Bha gealach làn ’s bha solas slàn a’ soillseachadh ar slighe
Is cha chreid mi fhìn nach rachadh a ràdh gun robh an oidhche brèagha
Sèist
Ach seachad air Lean a’ Ghearraidh lom, cha robh sgeul air a’ Bhliogh
Is gann nach robh sinn smaointinn, “A bheil Iupatar air a ghoid?”
B’ e sgòthan a bu choireach gun deach Iupatar à sealladh
Is gach ceàrnaidh eile anns an speur cho soilleir agus geal
Sèist
Mo mhallachd air bhaile Mhalaig le a dùiseal dubh is dorch’
A h-uile reul ri faicinn ach am Bliogh san àit’ as dorra
Ach thill ar buidheann dhachaigh ’s sinne uile air ar dòigh
Is chaidh sliseagan ithe ’s rinn sinn fealla-dhà is plòigh
