Ceistean Cumanta

Tha an cùrsa, Gàidhlig is Conaltradh, ri fhaighinn an dà chuid aig UHI Innse Gall agus aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha am mìneachadh shìos a’ beantainn ris a’ chùrsa mar a thèid a lìbhrigeadh gu sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig.

Am faod mi Gàidhlig is Conaltradh a dhèanamh mar chùrsa aon-bhliadhna a-mhàin?

Faodaidh, gu dearbh. Gach bliadhna, bidh deagh chuid dhe na h-oileanaich air a’ chùrsa ga dhèanamh mar chùrsa aon-bhliadhna.

Thig cuid thugainn dìreach às an àrd-sgoil agus iad an dùil cùrsa aig oilthigh eile a dhèanamh aig a’ cheann thall, ach bu toil leotha nàdar de “Gaelic gap year” a dhèanamh air a’ chùrsa againne an toiseach gus an cuid Gàidhlig a neartachadh.

Thig cuid eile de gach aois dhan chùrsa air bliadhna a-mach à obair gus leasachadh pearsanta no leasachadh proifeiseanta a dhèanamh, m.e.: tidsearan a tha ag iarraidh gluasad gu teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Agus thig cuid eile à oilthighean eile, fhad ’s a tha iad ann am meadhan nan cùrsaichean aca no an dèidh dhaibh ceumnachadh, gus nàdar de “Gaelic year abroad” a dhèanamh air a’ chùrsa is obair air na comasan Gàidhlig aca anns an àrainneachd bhogaidh againn.

A bheil maoineachadh ri fhaighinn mu choinneimh chìsean is chosgaisean a’ chùrsa?

Ma tha sibh a’ tòiseachadh air a’ chiad cheum oilthighe agaibh, agus sibh air a bhith a’ fuireach ann an Alba fad trì bliadhna no nas fhaide, thathas an dùil gun tèid na cìsean agaibh a phàigheadh le SAAS, agus gum bi sibh ròghnach air iasadan, agus is dòcha, bursaraidhean tro SAAS cuideachd.

Ma tha sibh air crìoch a chur air cùrsa, no an dùil cùrsa oilthigh eile a dhèanamh, bu dòcha gum bi sibh ròghnach air maoineachadh sònraichte a bharrachd tro SAAS (faicibh fon cheann “Cert HE Gaelic Immersion courses”).

A thuilleadh air sin, bidh beagan taice airgid ga sgaoileadh gach bliadhna le Comataidh Sgoilearachd na Colaiste fhèin. Cuiribh brath thugainn ma tha sibh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mun taic seo.

Cuideachd tha taic airgid ri faighinn bho corra bhuidhinn eile, m.e.: Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.

No mas e tisdear a th’ annaibh, tha Gàidhlig is Conaltradh ainmichte anns an sgeama Tabhartasan Cùrsaichean Bogaidh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig.