Taigh an Fhuarain, Baile an Tuim Buidhe

le Moras Leeke

Bha Sìne fo iomagain mu a màthair.  Bha e seachad air sia mìosan bhon a bhàsaich athair Sìne – an t-àm a-nis aig a màthair a bhith a’ dèanamh rudan a-rithist.  Bha Sìne air saor-làithean a mholadh, ach cha robh Ceit, a màthair, air mòran dìoghrais a shealladh.  Thàinig beachd eile do Shìne.

“Carson nach tèid sibh tùras a dh’Alba?  Tha sibh air a bhith ag ràdh fad bhliadhnaichean gun rachadh sibh a dh’Alba gus luath Granaidh thoirt air ais.”

Mu dheireadh, chuir Ceit roimhpe gun rachadh i.

***

Bha Ceit a’ coiseachd na h-aonar a dh’ionnsaigh Thaigh an Fhuarain; b’ e sin an seòladh mu dheireadh a bh’ aig piuthar a màthar.  Nuair a ràinig Ceit an taigh, bha fear ag obair anns a’ ghàrradh.

“Madainn mhath.  Tha mi a’ lorg Annag Mhoireasdan, piuthar mo mhàthar,” thuirt Ceit gu tlachdmhor.

“Gur math a thèid dhuibh,” thuirt an duine gu searbh.  “Tha i air a bhith marbh fad dà bhliadhna deug.  Bidh sibh ga lorg anns a’ chladh an siud.”  Chomharraich e ceann eile a’ bhaile, agus thòisich e a’ gàirnealaireachd a-rithist.

“Tapadh leibh,” thuirt Ceit leth fo a h-anail, agus choisich i air ais a dh’ionnsaigh a’ chladha.

Lorg i leac piuthar a màthar gun duilgheadas anns a’ chladh sgiobalta, agus dh’fhan i na seasamh mionaid a’ coimhead oirre.  Bha i caillte anns na smaointean aice, fon ghrèin anns an àite shìtheil sin.

“An robh sibh eòlach air Annag?” Dhùisg guth àrd bho a smaointean i.

Thionndaidh Ceit, agus chunnaic i boireannach mun aon aois ri a nighinn fhèin, le dà chù Gordon Setter àlainn, aig taobh eile balla a’ chladha.

Mhìnich Ceit dhan bhoireannach na b’ òige, agus b’ e Sandra a bh’ oirre, gum b’ e piuthar a màthar a bh’ ann an Annag, agus dh’innis i mu dheidhinn an tadhail aice air Taigh an Fhuarain agus na fàilte fuaire a fhuair i an sin.

“B’ e sin Angaidh.  ’S e bodach greannach a th’ ann.  Chan eil fios agam carson a bhios ur co-ogha Peigi ga fhulang.  Tha mi cinnteach gur e sin an t-adhbhar nach do phòs i a-riamh e,” arsa Sandra.  “Bhiodh Peigi ag obair aig an taigh-chùraim. Ach, tha neach-dàimh eile agaibh an seo cuideachd.  Nise …. b’ e Criosaidh …. co-ogha ur màthar a bh’ innte.  Mura h-eil coin a’ cur dragh oirbh, gearraibh sìnteag dhan chàr, agus draibhidh mi ga faicinn.”

***

Bha taigh Criosaidh cuimir, sgiobalta.  Cha do chosg Sandra tìde air cur-an-aithne fada.

“Seo tè-dhàimh agaibhse, a Chriosaidh,” arsa Sandra anns a’ ghuth àrd aice.  “Lorg mi i aig a’ chladh.  Tha i a-bhos bho Chanada.  Math a choinneachadh ribh, a Cheit.  Tìoraidh.”  Smèid Sandra, agus bha i air ais anns a’ chàr aice agus a’ draibheadh air falbh.

“Tha thu air tachairt ri Sandra, ma-thà,” arsa Criosaidh le gàire farsaing.  Bha Ceit a’ gàireachdainn cuideachd.

“Is mise Ceit, nighean Màiri.  Gabhaibh mo leisgeul, ach cha robh mòran fiosa agam mu cho-oghaichean mo mhàthar.”

“Na gabh dragh, a Cheit.  Cha bhithinn ach nam phàiste bheag nuair a dh’fhalbh do mhàthair a Chanada.  Cha chuimhne leam fhìn ach na sgeulachdan mu a deidhinn.”

Thug Criosaidh Ceit a-steach dhan taigh.  Le srùbag bha còmhradh fada aca.

Dh’ionnsaich Ceit mu dheidhinn a màthar.  Rè an Dàrna Cogaidh, nuair a bha na fir air falbh, bha feum aig an riaghaltas air luchd-forsaireachd.  Lorg na h-ùghdarrasan dà fhuasgladh.  Mar ann an gnìomhachas eile, thug iad obair a bha roimhe na h-obair fhireann do bhoireannaich; agus thug iad fir-forsaireachd a-nall bho Chanada.  Mar a bha  lumberjacks air na fir-forsaireachd, thug iad lumberjills air na mnathan-fhorsaireachd.  Chaidh Màiri, màthair Ceit, na lumberjill, agus b’ e lumberjack à Ceap Breatann a bh’ ann an athair Ceit.  Bha Gàidhlig aig an dithis aca.  Thachair iad ri chèile ag obair “anns a’ choille” mar a chanas iad, agus an dèidh a’ Chogaidh, phòs iad a chèile, agus chaidh iad a-null gu Canada.

Dh’innis Ceit mu dheidhinn an tadhail aice air Taigh an Fhuarain, agus cho mosach ’s a bha an fhàilte bho Angaidh.

“Obh, obh,” thuirt Criosaidh.  “Tha Angaidh an-còmhnaidh air a bhith truagh  – ach ’s ann agadsa a tha an taigh!”

“Taigh agamsa?” arsa Ceit.  “Dè tha thu a’ ciallachadh?”

Mhìnich Criosaidh mun thiomnadh bràthair a h-athar, a bha na sheanair do Cheit agus Pheigi.  Bhuain Taigh an Fhuarain dha, agus cha robh ach dithis nighean aige:  Màiri, màthair Ceit agus Annag, màthair Peigi.  A rèir an tiomnaidh aige, bu chòir dhan dithis pheathraichean an taigh a chom-pàirteachadh.

“Tha an aon chòir agadsa air Taigh an Fhuarain ’s a tha aig Peigi – agus còir fad nas motha na th’ aig Angaidh!” arsa Criosaidh.

Mus do dh’fhalbh Ceit, thug Criosaidh àireamh-fòn Peigi dhi.

***

Chan eil seòmar-suidhe Peigi is Angaidh glè mhòr.  Tha telebhisean mòr air fiaradh anns an oisean ri taobh na h-uinneige.  Ann am meadhan an t-seòmair, air beulaibh an telebhisein, tha cathair-uilne mhòr Angaidh, mar rìgh-cathair, le Angaidh na shuidhe oirre.  Air an taobh dheas, tha cathair nas lugha, cathair Peigi; agus air an taobh chlì, na laighe ris a’ bhalla, tha sòfa bheag.  Tha gliong air an fhòn.  Èiridh Peigi bhon chathair aice.  Cha bhi Angaidh a’ freagairt an fhòn gu bràth.  Cha chluinn Angaidh ach an dàrna leth den chòmhradh.

“Halò.  Seo Taigh an Fhuarain,” arsa Peigi.

“À Canada?  Uill, tha an loidhne glè shoilleir.”

“Ceit nighean antaidh Màiri?  An seo ann am Baile an Tuim Buidhe?” 

“Luath do mhàthar.  Ò, tha sin cho àlainn.”

“Faodaidh tu tighinn a chèilidh oirnn.”

“An seo?” 

“An-diugh?”

“Fear anns a’ ghàrradh le stais agus ceap chlò?” 

“Rinn e dè?”  Tha Peigi a’ togail uidheam-smachd cèin bho ghàirdean na cathrach aig Angaidh, agus tha i a’ cur dheth an telebhisean.  Chan eil Angaidh toilichte idir.

“Uill, bhiodh e cho math d’ fhaicinn.  Dè mu dheidhinn feasgar a-màireach?  Cha bhi mi ag obair Didòmhnaich.”

“Cha bhi e na thrioblaid idir.  A bhàrr air sin, ’s e seo an taigh agadsa cuideachd.”

“Dh’innis mi dhut an sgeulachd gu lèir a-màireach.  Am bi trì uairean freagarrach?”

“Tha mi fìor a’ dèanamh fiughair ris.  Bidh e mìorbhaileach d’ fhaicinn.”

“Bidh, bidh.  Tìoraidh an-dràsta.  Oidhche mhath.”

Tha Peigi a’ cur an fhòn air ais, agus tha i a’ seasamh eadar an rìgh-cathair agus an telebhisean.

“B’ e sin Ceit.  Mo cho-ogha Ceit.  Tha i an seo a’ chiad turas riamh bho Chanada.  Ach tha fios agad air sin.  Bhruidhinn thu rithe madainn an-diugh.  An do chuir thu fàilte oirre?  An do thairg thu srùbag dhi?  An tuirt thu gun robh thu toilichte a faicinn?  An tuirt thu gum bithinn-sa toilichte a faicinn?  Cha tuirt.  Agus an rud as miosa, an do dh’innis thu dhòmhsa gun robh i an seo?  Mo cho-ogha fhèin.  An seo bho Chanada.  A’ chiad turas.  Agus cha do dh’innis thu dad sam bith dhomh.”

Chan eil fios aig Angaidh dè b’ urrainn dha a ràdh.  Chan eil e cleachdte ri trod bho Pheigi.

“Nach urrainn dhut faicinn dè th’ ann,” tha e ag ràdh mu dheireadh.  “Tha i an seo gus ar dachaigh a thoirt air falbh.  Agus cha bhiodh fios aice gu bheil e leathase, no pàirt leathase, mura robh thu air do bheul mhòr fhosgladh.”  Sguir Angaidh.  Tha e dìreach an dèidh tuigsinn nach b’ urrainn dhan dà rud a bhith ceart.

A’ chiad turas is dòcha, tha làmh-an-uachdair aig Peigi.

“’S e an co-ogha agam a th’ ann an Ceit.  Chan eil mi a’ dol a dh’fheuchainn ri a mealladh.  Tha mi a’ dol a chur fàilte oirre.  Tha mi a’ dol a bhith ònarach rithe – tha sinne a’ dol a bhith ònarach rithe.  ’S ann leinne a tha an taigh seo – leamsa agus le Ceit – agus bidh thu modhail rithe, ma tha fios agad dè tha math dhut.”

“Agus rud eile,” tha Peigi a’ leantail oirre. “Bha thu toilichte gu leòr a dh’innse dhan chomhairle nach ann le mo mhàthair-sa a bha an taigh air fad nuair a bha cìsean a cùraim rim pàigheadh.”  

***

An ath latha, ann an seòmar-suidhe Peigi is Angaidh, bha an còmhradh aotrom is laghadh.  Cha tuirt Angaidh mòran.  Bha Ceit is Peigi a’ cabadaich ri chèile mu sgeulachdan agus chuimhneachan am màthraichean.  Dh’innis Ceit mu dheidhinn Sìne, a nighean, agus a h-ogha.  Mhìnich Peigi nach robh clann aice.  Rinn Peigi iomradh air an taigh.

“An robh fios agad gun do dh’fhàg ar seanair an taigh seo aig a dhithis nighean, ar màthraichean?” dh’fhaighnich Peigi.

“Chan urrainn dhuinn bliadhnaichean de mhàl a ruigsinn,” bhris Angaidh a-steach.

“Chan eil rùn agam idir màl a thoirt bho mo cho-ogha fhèin gus fuireach anns an taigh aice fhèin,” arsa Ceit le gàire.

***

B’ e latha soilleir eile a bh’ ann ann an cladh Bhaile an Tuim Buidhe.  Bha am ministear, Ceit, Peigi is Angaidh, agus Criosaidh ann.  Chuir iad luath Màiri ann an uaigh Annaig, a piuthar.

An dèidh an t-seirbheis ghoirid, bha Ceit a’ bruidhinn ri Peigi is Angaidh.

“Tha mi cho toilichte,” thuirt Ceit. “Gu bheil luath mo mhàthar aig fois mu dheireadh thall le a piuthar.”

“Tha thu ceart,” thuirt Peigi. “Agus tha mi air a bhith a’ smaointinn mu Thaigh an Fhuarain.  B’ e taigh ar seanar a bh’ ann.  Bhiodh e math nam fuiricheadh e anns an teaghlach againn.  Tha mi a’ dol a sgrìobhadh an tiomnaidh agam, agus bidh mi a’ fàgail na pàirt agamsa den taigh agadsa, a Cheit.  Air sgàth ’s gu bheil mi air a bhith a’ fuireach an seo, gun mhàl, nuair a bha mi beò, bidh an turas agadsa, agus aig do theaghlach, an dèidh sin.”

Bha snuadh de dh’eas-creideamh air aodann Angaidh.  Bha a bheul fosgailte, agus bha e a’ coimhead air Peigi, agus an uair sin air Ceit, agus air ais air Peigi.

“Dè mum dheidhinn-sa?” ars esan.

“Uill,” arsa Peigi an dèigh diog. “Ma tha thu beò fhathast, agus a’ fuireach an seo fhathast, mholainn gum bi thu laghach ri do bhean-taighe.”